A' chiad chùmhnant mòr airson Hub Leòdhais air a thoirt seachad

Ìomhaigh neach-ealain air cò ris a bhios Hub Leòdhais coltachTùs an deilbh, SSEN TRANSMISSION
  • Air fhoillseachadh

Tha SSEN air obair luach £143m airson an ath ìre den phròiseact dà stèisean dealain mòr a thogail air iomall Steòrnabhaigh a thoirt dhan chompanaidh Linxon UK Earr.

Tha an naidheachd a' tighinn cha mhòr dà mhìos on thug Comhairle nan Eilean Siar cead ann am prionnsabal do phròiseact Hub Leòdhais mar a chanar ris an leasachadh a tha san amharc air Mòinteach Àranais.

'S e bhios ann an Hub Leòdhais am bun-structar a bhios a dhìth airson dealan bho thuathanasan-gaoithe san eilean a chur gu tìr-mòr tro chàball ùr fon mhuir.

Bheireadh an ceangal sin suas ri 1.8GW de dhealan ath-nuadhachail gu fo-stèisean Fàn Eilean a thathar a' moladh faisg air a' Mhanachainn.

Bha dà bhuidhinn sa choimhearsnachd le dragh mu, am measg eile, meud an leasachaidh, a' bhuaidh air an àrainneachd agus na bhios ann de thrafaig an cois na h-obrach.

Bhiodh am bun-structar ùr a' ciallachadh gum biodh na h-Eileanan an Iar ceangailte ri griod sgaoilidh-dealain Bhreatainn airson a' chiad uair.

Fon chùmhnant, thèid a' chiad obair air fo-stèisean AC a tha mar phàirt den Hub a dhèanamh.

Tha dùil gun tòisich an obair cheart airson a thogail ann an 2027.