Cùmhnantan air an toirt seachad 'son sgoiltean ùra air Ghàidhealtachd

Acadamaidh Bhaile TheàrlaichTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Acadamaidh Bhaile Theàrlaich ann an Inbhir Nis am measg nan sgoiltean a thèid ùrachadh fon phlana

  • Air fhoillseachadh

Dh'ainmich Comhairle na Gàidhealtachd cùmhnantaichean airson sgoiltean ùra a thogail air feadh na sgìre.

'S iad a' chompanaidh Morgan Sindall a fhuair an cùmhnant airson bun-sgoil ùr dhan Mhanachainn agus togalach ùr do dh'Acadamaidh Bhaile Theàrlaich ann an Inbhir Nis.

Fhuair an Robertson Group cùmhnant airson bun-sgoil ùr a thogail ann an Inbhir Pheofharain, a' toirt a-steach dachaigh ùir do Sgoil Shònraichte an Naoimh Cliaman, agus cuideachd bun-sgoil a thogail do bhaile ùr Thòrr na Grèine.

Nì Morrison Construction obair air sgoiltean ùra anns a' Chananaich agus ann an Inbhir Theòrsa, fhad 's a chuidicheas Ogilvie Construction pròiseact Àrd-Sgoil Inbhir Nis a ghluasad air adhart.

Bhiodh na sgoiltean ùra nan hubaichean coimhearsnachd, a' toirt a-steach oifisean, ionadan comhairle agus ghoireasan eile.

Tha seo mar phàirt de Phlana In-ionmhais na Gàidhealtachd (HIP), luach £2.1bn thairis air 20 bliadhna.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum faigh na cùmhnantaichean air a dhol an sàs ann an ìrean togail, dealbhachaidh agus ro-dhealbhachaidh nam pròiseactan.

Chuir comhairlichean taic ri HIP anns a' Ghiblean 2024, 's a' chomhairle ag ràdh gun tèid pàigheadh air a shon le bhith a' gabhail airgid air iasad 's a' cleachdadh 2% de theachd-a-steach na cìse-comhairle.

Na lùib, tha plana gus rathaidean na sgìre a chàradh, agus na lìonra rathaidean as fhaide san RA - còrr is 4,200 mìle - an urra ri Comhairle na Gàidhealtachd, a thuilleadh air còrr is 1,000 mìle de cheuman aus còrr is 2,200 drochaid.

Tha cha mhòr 70 den chòrr is 200 sgoil san sgìre air an comharrachadh ann an droch staid, le 74 air an comharrachadh mì-fhreagarrach.

Thuirt Coimisean nan Cunntasan an-uiridh gum bu chòir moladh a dhèanamh air Comhairle na Gàidhealachd airson nam planaichean adhartach aca, ach thug iad rabhadh gum feum iad smachd a chumail air cosgaisean iasadan.