Cead do leasachadh làraich sgoile an Inbhir Nis

Àrd-sgoil Bhaile TheàrlaichTùs an deilbh, GOOGLE
Fo-thiotal an deilbh,

Thugadh cead do phlana Acadamaidh Bhaile Theàrlaich ùrachadh.

  • Air fhoillseachadh

Thug comhairlichean Gàidhealach taic Dimàirt do phlana airson campas sgoile ùr ann an Inbhir Nis.

Thèid sgoil-àraich ùr a thogail ann an Ceann a' Mhilidh an toiseach le maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha iad cuideachd airson sgoil ùr do dh'Acadamaidh Bhaile Theàrlaich, a tha 46 bliadhna de dh'aois, a thogail cho math ri Bun-sgoil ùr Cheann a' Mhìlidh.

Chan eil fios le cinnt cuin a thèid na sgoiltean a thogail leis nach eil airgead aig Comhairle na Gàidhealtachd air an son an-dràsta.

Maoineachadh 'son a' phròiseict a dhìth fhathast

Thuirt an comhairliche Ailig Greumach gu bheil e an dòchas gum bi am pròiseact mar phàirt den obair leasachaidh air rathaidean agus sgoiltean thairis air an ath 20 bliadhna agus sa bheil £2bn, a dh'ainmich Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo.

"'S e sin an ùine a bheir beatha Àrd-sgoil Bhaile Theàrlaich gu crìch, mar sin feumaidh sgoil ùr a bhith sa phrògram a tha sin.

"Tha Comhairle na Gàidhealtachd gu mì-fhortanach ann an suidheachadh far a bheil tòrr de na sgoiltean ann an droch staid agus tha tè Bhaile Theàrlaich ann an staid nas miosa na a' mhòr-chuid aca.

"Ach tha mi a' smaoineachadh gum feumar cumail a' dol leis an togalach san eadar-ama agus an suidheachadh a ghiùlain gus an tèid rudeigin ùr a thogail," mhìnich an comh Greumach.