Plana goireasan poblach is Àrd-Sgoil ùr Inbhir Theòrsa a chur air aon làraich

Chaidh tòrr de dh'Àrd-Sgoil Inbhir Theòrsa a thogail sna 1960an
- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh gum bi an t-àrd-sgoil ùr a tha san amharc an Inbhir Theòrsa air a cur còmhla ri seirbheisean coimhearsnachd eile air an aon làraich.
Gheall Comhairle na Gàidhealtachd mar phàirt de Phlana In-ionmhais na Gàidhealtachd sgoil ùr a thogail an àite an togalaich a th' ann a thogadh sna 1960an.
Thèid iarraidh air comhairlichean aig coinneimh an ath-sheachdain an taic a chur ri plana gum bi an campas ùr mar phàirt de làraich le goireasan is seirbheisean eile don choimhearsnachd.
Am measg nam buidhnean a dh'fhaodadh a bhith an sàs sa phròiseact tha NHS na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus a' chompanaidh a tha a' ruith ionad niùclasach Dhùnrath.
Tha seo mar phàirt de phlana nas motha aig Comhairle na Gàidhealtachd leasachadh agus ùrachadh a dhèanamh air grunn sgoiltean sa sgìre, Bun-Sgoil Dhùn Bheagain nam measg.
Thèid iarraidh air comhairlichean an taic a chur ri seiseanan an Inbhir Theòrsa thairis air an t-samhradh far am faigh am poball fiosrachadh mu na planaichean.
Tha aithisg nan oifigeach ag ràdh gur e "cothrom ginealaich" a th' ann airgead a chosg air bun-structar riatanach, agus piseach a thoirt air goireasan do theaghlaichean ionadail.
Tha Àrd-Sgoil Inbhir Theòrsa air tè de na sgoiltean as motha ann an Gallaibh le 750 sgoilearan innte.
Ann an 2022, chaidh pàirt den làraich a dhùnadh agus draghan ann mu structar togalaich.