Aon làrach airson Sgoil an Naoimh Cliaman agus bun-sgoil ùr Inbhir Pheofharain

Togalach Sgoil an Naoimh Cliamain
Fo-thiotal an deilbh,

Tha togalach Sgoil an Naoimh Cliaman còrr air ceud bliadhna a dh'aois

  • Air fhoillseachadh

Cho-dhùin comhairlichean Gàidhealach Sgoil an Naoimh Cliaman ann an Inbhir Pheofharain a ghluasad gu làrach ann an ceann a tuath a' bhaile, far am bi i air an aon làraich ri bun-sgoil ùr a' bhaile.

Tha dùil gun tòisich an obair-togail ann an 2027 agus gum bi na togalaichean ùra fosgailte ro 2029.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum bi na sgoiltean a' cumail fèin-aithne fa leth, le luchd-obrach, manaidsearan, agus goireasan dhaibh pèin.

Tha Sgoil Speisealta an Naoimh Cliaman an-dràsta suidhichte ann an togalach a tha còrr air ceud bliadhna a dh'aois ann am meadhan a' bhaile.

Tha iarrtas air a bhith ann airson còrr air fichead bliadhna airson togalach ùr dhan sgoil, anns a bheil timcheall air 50 sgoilear le feumalachdan a bharrachd.

Bha cuid de phàrantan ag iarraidh sgoil air làraich gu tur leatha fhèin, agus draghan orra gum biodh burraidheachd no dìth rùim na thrioblaid.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd ge-tà gum bi e na bhuannachd do sgoilearan a bhith air an aon champas.

Thuirt iad gum bi iad a' cumail orra a' conatradh le pàrantan agus luchd-obrach fhad 's a tha na sgoiltean ùra gan dealbhachadh gus dèanamh cinnteach gum freagair iad air feumalachdan nan sgoilearan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo