'Deatamach' gun toir croitearan beachd do cho-chomhairleachadh

- Air fhoillseachadh
Chuir BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ìmpidh air croitearan san sgìre am beachdan a chur ri co-chomhairleachadh air Bile ùr na Croitearachd.
Chuir e nan cuimhne gu bheil mìos air fhàgail airson sin a dhèanamh, suas chun an 2na là den t-Sultain.
Tha Bile ùr na Croitearachd ag amas air leasachadh a thoirt air laghan croitearachd, 's an Riaghaltas ag ràdh gun dèan e croitearachd seasmhach san àm ri teachd, 's gun cur e ri iomadachd agus ùr-ghnàthachadh na croitearachd.
Am measg nan cuspairean a tha ri cho-chomhairleachadh, tha:
mar a gheibh daoine air tòiseachadh ann an croitearachd
coimhearsnachdan croitearachd
cleachdadh an talamh ionaltraidh
mar a ghabhas riaghailtean mu bhith a' fuireach faisg air no air a' chroit 's a bhith ga cleachdadh a neartachadh
cumhachdan a bharrachd don Choimisean.
"Tha croitearachd fhathast gu math cudromach anns na h-Eileanan Siar, agus tha e deatamach gun tèid an t-eòlas a th' aig croitearan fhèin a chur aig cridhe an ath-leasachaidh reachdail seo air a bheil cruaidh-fheum," thuirt Mgr Allan.
"A thuilleadh air a luach cultarail, 's e seòrsa àiteachais sheasmhaich a th' ann le beag-bhuaidh, agus 's e sàr-eisimpleir a th' ann air an t-seòrsa dàimh ris an fhearann air am feum an dùthaich a bhith ag amas agus sinn a' dol a dh'ionnsaigh net zero, agus dòighean àraich bìdh a tha nas fheàrr dhan àrainneachd.
"Chuirinn ìmpidh air croitearan sna h-Eileanan an guthan a chur ris a' cho-chomhairleachadh seo ron cheann-ùine an ceann mìos eile."
Faodar beachdan a chur ris a' cho-chomhairleachadh chun an dàrna là den t-Sultain, air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba., taobh a-muigh