Seachdain na Gàidhlig 2024 ga foillseachadh

- Air fhoillseachadh
Choinnich an craoladair Joy Dunlop agus clann bho Fhèis Latharna an Òbain aig Tùr McCaig san Òban Diluain airson clàr Seachdain na Gàidhlig 2024 fhoillseachadh.
'S e cuspair seachdain na bliadhna seo "Do Chànan. Do Chothrom" le 53 tachartasan eadar cèilidhean, madainnean cofaidh agus cuairtean-coiseachd ann an 17 sgìre comhairle.

Seo cuspair Seachdain na Gàidhlig 2024
Am measg na tha a' dol air adhart tha Seisean Seinn do chloinn eadar 11 agus 18 bliadhdna de dh'aois san Òban, fo sgèith Fèis Latharna.
Cuideachd ann an Earra-Ghàidheal is Bòd tha Bun-sgoil Chàrdanrois gu bhith a' ruith cafaidh dha bheil cuireadh aig an sgoil air fad, a thuilleadh air pàrantan agus a' choimhearsnachd nas fharsainne.
Bidh Comunn nam Pàrant An Òbain a' cur air dòigh cèilidh teaghlaich dhan choimhearsnachd air fad, ach am faigh luchd na Gàidhlig air an cànan a chleachdadh.

Bidh tachartasan san Òban agus grunn bhailtean is sgìrean eile feadh Alba
Tha Buidheann Gàidhlig Mhoireibh, an co-bhann le Colaiste UHI Mhoireibh, a' cur air dòigh prògraim taice do luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh agus duine sam bith le ùidh ann an cultar na Gàidhlig.
Thèid oidhche bingo Gàidhlig a chumail ann an Glaschu, agus thèid seisean òran obrach chlann-nighean an sgadain a chumail ann am Fìobha fo sgèith Urras Thaighean-tasgaidh Iasgaich na h-Alba.

Dh'fhoillsich clann bho Fhèis Latharna an Òbain clàr thachartasan na bliadhna còmhla ris a' chraoladair Joy Dunlop a tha os cionn Seachdain na Gàidhlig
Am measg nan tachartasan air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, tha seisean crèadaireachd ga chumail aig Ionad Thròndarnais san Eilean Sgitheanach, agus cumaidh Sgoil Dannsa Cheryl Heggie an Inbhir Nis clasaichean ciùil agus gluasaid.
Tha Fèis Arainn a' dèanamh taisbeanaidh air obair John Dewar, às leth Diùc Earra-Ghàidheal, agus tha cuireadh ga thoirt do mhuinntir Ìle gu feasgar sgeulachdan agus seinn a tha ga chumail le Comunn na Gàidhlig Ìle, le aire gu h-àraid air sgeulachdan agus beul-aithris chaillte.
Tha Seachdain na Gàidhlig ga cumail eadar an 19mh agus an 25mh là den Ghearran, le taic bho Mhaoin nan Tabhartasan Beaga agus Bòrd na Gàidhlig.
'S e seo an treas Seachdain na Gàidhlig a thèid a chumail an Alba.