Navantia a' gluasad air adhart leis a' phlana leasachaidh aca aig Àranais

Bidhear a' togail phìoban ann an aon togalach agus a' glanadh 's a' peantadh meatailte san fhear eile
- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh Spàinnteach, Navantia, a' sireadh cead airson dà thogalach ùr aig Gàrradh Àranais mar phàirt den phlana aca suas ri £5m a chosg air ùrachadh na làraich.
Tha Navantia - a ghabh smachd air a' ghàrradh air iomall Steòrnabhaigh san Fhaoilleach 2025 - a' moladh bùth-obrach phìoban sam bi 1,464 meatair ceàrnagach, agus togalach sam bi 3,160 meatair ceàrnagach far am bidhear a' glanadh agus a' peantadh meatailte.
Bhiodh an dà thogalach air an dealbh air dhòigh gus an gabh obair dèanamh annta an là 's a dh'oidhche.
Thathar cuideachd airson uachdar nas cruaidhe a chur air an làraich air fad, geataichean ùra a chur ann agus stòir-chonnaidh a leasachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 An Gearran 2025

- Air fhoillseachadh14 An Dàmhair 2024

- Air fhoillseachadh25 An Gearran 2025
