Ùidh aig gàrradh shoithichean Spàinnteach ann an Harland & Wolff

Gàrradh Harland & WolffTùs an deilbh, Reuters
  • Air fhoillseachadh

Tha an gàrradh-shoithichean Spàinnteach, Navantia, a bhuineas dhan stàit, ann an còmhraidhean airson Harland & Wolff a cheannach.

'S ann le Harland & Wolff a tha Gàrradh Àranais ann an Leòdhas agus Methil ann am Fìobha.

Tha cùmhnant aig Harland & Wolff mar thà le Navantia airson trì bàtaichean taice dhan Chabhlach Rìoghail a thogail.

Tha uallach air aonaidhean ciùird gum bithear ag amas air na gàrraidhean nas motha ann am Béal Feirste agus Devon a chionn 's nach eil uidheamachd shònraichte ann an Àranais no Methil airson a bhith a' togail bhàtaichean.

Ceannaiche ùr

Chaidh Harland & Wolff ann an rianachd air a' mhìos a chaidh, ged a tha na companaidhean fa-leth a tha a' ruith nan gàrraidhean ag obair fhathast.

Thuirt Àrd-oifigear Harland & Wolff, Russell Downs, gu bheil e air a bhith ag obair le banca Rothschild airson ceannaiche ùr a lorg.

'S ann ann an Cadiz a tha prìomh ghàrradh Navantia, le 4,000 a' faighinn cosnadh ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo