Mòd Loch Abar 2025 am fear a bu shoirbheachaile ann an sia bliadhna

Boireannach agus bò mhòr mholach fhuadain aig a' Mhòd ann an Loch Abar 2025
Fo-thiotal an deilbh,

Bha còrr math agus 9,000 duine aig farpaisean agus tachartasan iomall a' Mhòid

  • Air fhoillseachadh

Chuir am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar an-uiridh £3.9m ris an eaconomaidh ionadail a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh Diluain.

Tha an Comunn Gàidhealach a bhios a' cur air dòigh prìomh fhèis Ghàidhlig na h-Alba ag ràdh gur e seo am Mòd a bu shoirbheachaile airson sia bliadhna.

Fhuair an rannsachadh a dh'iarr iad gun deach còrr is 9,400 ann - àrdachadh 4% an taca ri Mòd 2024 san Òban.

Thuirt Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Peigi NicIllinnein, gun "do chùm Loch Abar tachartas air leth aig an robh buannachdan nach beag do ghnìomhachasan ionadail agus don fheadhainn a bha an làthair".

Tha an Comunn ag ràdh gun do dhearbh an suirbhidh cho cudromach 's a tha am Mòd ann a bhith a' cur air adhart na Gàidhlig a tha a-nis na cànan oifigeil an Alba.

Am measg nam freagairtean a bh' ann:

  • 83% le beachd nas làidire mu luach na Gàidhlig às dèidh a' Mhòid

  • 74% air am brosnachadh a dhol gu tachartasan Gàidhlig nas trice

  • 71% le spionnadh às ùr piseach a thoirt air an cuid Ghàidhlig

  • 70% a thuirt gun robh iad airson a' Ghàidhlig a chleachdadh nas trice

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Raymond Bremner: "Ged nach eil am mòd ann ach airson beagan is seachdain, tha dìleab nan tachartasan a' maireachdainn bliadhnaichean.

"Tha e a' dèanamh airgid do ghnìomhachasan ionadail, agus tha e a' brosnachadh dhaoine an cuid sgilean Gàidhlig a leasachadh agus a chleachdadh."

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 5, An fheadhainn a bhuannaich Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd 2026, Donnchadh MacLeòid agus Màiri Callan a bhuannaich Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich sa Ghearasdan

B' e an naoidheamh turas a chaidh am Mòd a chumail ann an Loch Abar, agus thuirt 91% de na fhreagair an t-suirbhidh gur e An Gearasdan àite fìor mhath air a shon.

Airson an treas bliadhna ann an sreath, chaidh na chuir a-steach airson nam farpaisean an-àirde le 1,900 farpaiseach.

Bidh Mòd 2026 a' tilleadh a Glaschu eadar an 9mh agus 17mh den Dàmhair.

'S ann an Glaschu a tha an àireamh as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig taobh a-muigh nan Eilean Siar.

Thuirt Peigi NicIllinnein: "Tha am Mòd air a dhol bho neart gu neart sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad agus tha sinn a' dèanamh fiughair gus togail air an t-soirbheas sin ann an Glàschu."