Naidheachdan 11:00m
Taraifean Malairt
Tha Sir Keir Starmer air leigeil fhaicinn nach cuireadh e taraifean malairt air na Stàitean Aonaichte nan rachadh an Ceann-Suidhe Trump air aghaidh le mhaoidheadh gus an leithid a chur air dùthchannan a tha a' cur an aghaidh a phlana gus smachd a ghabhail air a' Ghraonlainn. A' toirt seachad òraid aig Sràid Dhowning san uair an uaireadair mu dheireadh, thuirt am Prìomhaire gur ann an urra ris an Danmhairg agus muinntir na Graonlainn fhèin a tha an tìr. Thuirt e cuideachd gu bheil e gu tur ceàrr a bhith a' maoidheadh taraifean agus nach biodh cogadh malairt gu buannachd do dhuine sam bith.
Trump agus a' Ghraonlainn
Aig a' cheart àm, thuirt an Ceann-Suidhe Trump nach biodh teàrainteachd san t-saoghal mura biodh smachd aig na Stàitean Aonaichte air a' Ghraonlainn. Thuirt Mgr Trump cuideachd san teachaireachd gu Prìomhaire na Nirribhidh gun robh e a' faireachdainn nach eil dleastanas air tuilleadh a bhith a' smaoineachadh air sìth a-mhàin as dèidh mar a chaidh an duais Nobel a thaobh sìthe a thoirt do chuideigin eile an-uiridh.
Tubaist Rèile san Spàinn
Tha Prìomhaire na Spàinne, Pedro Sanchez, a' dèanamh air an làraich anns an robh tubaist rèile mhairbhteach tron oidhche an-raoir. Chaidh co-dhiù 39 duine a mharbhadh agus 152 duine a ghoirteachadh nuair a bhuail dà threana na chèile faisg air baile Adamuz ann an ceann a deas na dùthcha. Tha dùil ge-tà gun èirich àireamh nam marbh.
Luchd-teagaisg Ùr
Tha an t-aonadh teagaisg as motha an Alba, an EIS, ag ràdh gur e sgainneal nàiseanta a th' ann cho mì-sheasmhach agus a tha an suidheachadh dhaibhsan a th' air ùr-cheumnachadh. Tha na h-àireamhan as ùire a' cumail a-mach gu bheil mu chairteal dhiubh a' dol bhon bhliadhna phròbhaidh aca gu dreuchd mhaireannach. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil fastadh an urra ri ùghdarrasan ionadail, 's thuirt COSLA a tha a' riochdachadh nan ùghdarrasan gu bheil iad a' tabhainn dreuchd mhaireannach nuair a tha beàrn a' nochdadh.
Luach a' Mhòid
Tha aithisg ùr a chaidh fhoillseachadh madainn an-diugh às leth a' Chomuinn Ghàidhealaich ag ràdh gun do chuir am Mòd Nàiseanta Rìoghail £3.9m ri eaconomaidh Loch Abair an-uiridh. Tha iad ag ràdh gur e seo am Mòd a bu shoirbheachaile airson sia bliadhna. Thàinig àrdachadh 4% air an àireamh dhaoine a chaidh chun a' Mhòid an taca ris a' bhòn-uiridh agus e air a dhol os cionn 9,400.
STV
Tha Aonadh Nàiseanta an Luchd-Naidheachd air ceist a thogail mu na thuirt Riaghaladair a' Chonaltraidh mu atharrachaidhean do sheirbhisean naidheachd STV. Tha co-chonaltradh a' dol an-dràsta mu phlanaichean na companaidh gus cur às don phrògram naidheachd aca do mhuinntir a' chinn a tuath a-mhàin, am measg rudan eile. Bha Ofcom a' toirt fianais seachad aig Holyrood air an t-seachdain seo chaidh, 's thuirt iad gur e an rud as fheàrr don luchd-amhairc a th' anns na molaidhean. Tha Ofcom air a ràdh ge-tà, nach eil iad air co-dhùnadhaidhean deireannach a ruighinn fhathast.