Dòchas fhathast am Bàigh na Hearadh gum faigh iad sealbh air an fhearann

Bàigh na Hearadh
  • Air fhoillseachadh

Tha a' bhuidheann a tha airson Oighreachd nam Bàgh sna Hearadh a cheannach às leth na coimhearsnachd ag ràdh gun do rinn iad barrachd adhartais san iomairt aca.

Chaidh innse an-uiridh gun deach "aonta ann am prionnsabal" a ruighinn leis an teaghlach Hitchcock gus am fearann sa bheil 27,000 acaire a cheannach.

Tha coinneamhan air a bhith aig a' bhuidhinn Oighreachd Coimhearsnachd Bhàgh na Hearadh le Maoin Fearann na h-Alba agus thuirt iad gu bheil "làn misneachd" aca gum faigh iad am maoineachadh a tha a dhìth orra.

Dh'innis Euan Galloway, cathraiche na buidhne coimhearsnachd, gun robh iad "dòchasach" gum faigheadh iad an t-airgead ro dheireadh a' Mhàirt am bliadhna ach, leis gun robh teagamh ann an gabhadh a h-uile sìon a chrìochnachadh ron cheann-la sin, gum feumadh iad feitheamh gus am fosgladh a' mhaoin uair eile.

Tha beachd ann gun tachair sin às dèidh taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba agus thuirt Mgr Galloway gun robh iad an dùil a bhith am measg nan ciad phròiseactan a gheibheadh airgead bhuapa.

Oighreachd nam Bàgh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Oighreachd nam Bàgh, an seo ann an orainds, a' toirt a-steach trì sgìrean fa leth.

Tha an oighreachd, a tha a' toirt a-steach Eilein Bheàrnaraigh, air a bhith ann an làmhan an teaghlaich Hitchcock bho 1926.

Tha a' choimhearsnachd air a bhith a' strì fad bhliadhnaichean 'son a ceannach.

Chaochail Rob Hitchcock, an t-uachdaran, bho chionn ghoirid agus thuirt a' bhuidheann a tha airson an oighreachd a chur an làmhan an t-sluaigh gun robh an smuaintean 's co-fhaireachdainn le a theaghlach aig an àm dhuilich seo.

Chaidh innse cuideachd nach robh luchd-lagha a tha an sàs sa chùis den bheachd gun cuireadh bàs Mhgr Hitchcock dàil a bharrachd air an aonta.