Naidheachdan 11:00m

Raibeart Jenrick

Chaidh am Ball-Pàrlamaid Tòraidheach Raibeart Jenrick a chur às a dhreuchd mar Rùnaire Dhùbhlanach a' Cheartais. Tha e cuideachd air a' chuip a chall anns a' phàrtaidh. Thuirt ceannard nan Tòraidhean, Kemi Badenoch, gun tàinig "fianais shoilleir, do-dhiùltach" thuice gun robh Mgr Jenrick air a bhith a' cuilbheirt gus am pàrtaidh fhàgail anns an dòigh a dhèanadh an cron as motha air a' chaibineat dhùbhlanach agus air a' Phàrtaidh Thòraidheach anns an fharsainneachd. Thuirt i gun robh ise agus an còrr de mhuinntir Bhreatainn air fàs seachd-searbh de dhràmathan poilitigeach. A' bruidhinn ris a' BhBC o chionn ghoirid, thuirt Nigel Farage gun robh e air a bhith a' bruidhinn ri Mgr Jenrick, ach thuirt e nach robh e air a bhith an impis gluasad gu Reform.

Reform UK

Agus chaidh am Morair Malcolm Offord, a b' àbhaist a bhith na mhinistear anns an riaghaltas Thòraidheach ainmeachadh mar a' chiad cheannard aig Reform ann an Alba. Chaidh am Morair Offord, a bha aig aon àm na ionmhasair air na Tòraidhean ann an Alba, fhoillseachadh le Mgr Farage aig tachartas ann am Fìobha. Bidh e os cionn Reform a' dol a-steach gu taghadh na Pàrlamaid Albannaich anns a' Chèitean, agus am pàrtaidh ag amas air adhartas mòr a dhèanamh anns an dùthaich seo.

Luchd-teagaisg

Thuirt an t-aonadh luchd-teagaisg an NASUWT nach d' fhuair iad cead bho gu leòr de na buill aca ann an Alba airson stailcean a ghairm mu uallach obrach. Thuirt iad gun deach nas lugha na dara leth de na pàipearan-baileit a thilleadh thuca ann an àm, a' ciallachadh nach do ràinig iad an stairseach laghail airson strì obrach. Thèid toradh baileit a chaidh a chumail leis an aonadh teagaisg as motha ann an Alba, an EIS, fhoillseachadh an-diugh fhathast.

Ospadal nan Eilean Siar

Thuirt an riaghladair slàinte gun deach adhartas a dhèanamh aig Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh a thaobh cobhair chloinne. Nochd Healthcare Improvement Scotland dragh an-uiridh gun robh amannan ann nuair a bha euslaintich òga gam fàgail leotha fhèin ann an uàrdan airson inbhich. Cho-dhùin sgrùdadh ùr gun deach piseach a thoirt air an t-suidheachadh, le barrachd luchd-obrach air an trèanadh ann an cùram-cloinne agus seòmar meadaigeach tèarainte ga stèidheachadh airson euslainteach òga.

Iran

Thuirt Ministear Cèin Iran, Abbas Araghchi, nach eil planaichean ann airson daoine a chrochadh airson a bhith a' togail fianais an aghaidh an Riaghaltais. Tha an Ceann-Suidhe Trump air rabhadh a thoirt gun robh e deiseil ceumannan cruaidh a ghabhail nan tòisicheadh Iran a' cur dhaoine gu bàs. Thuirt e bhon uair sin gun deach innse dha gun robh Tehran air sgur a bhith a' marbhadh luchd-iomairt, ach gun robh e a' cumail sùil air na bha a' tachairt.

Mnathan-cràbhaidh

Agus chaidh binn prìosain 15 mìosan a chur air tè a b' àbhaist a bhith na bean-chràbhaidh agus a rinn droch-dhìol air chloinn ann an dachannan-cùraim Albannach. Chaidh Carole Buird, a tha 75, a dhìteadh air a' mhìos a chaidh air 13 casaidean co-cheangailte ris an ùine a chuir i seachad ag obair ann an dachannan nan Sisters of Nazareth anns na '70an agus na h-80an. Chaidh tèile a bha na bean-chràbhaidh agus a chaidh a dhìteadh air casaidean droch-dhìol, Eileen McElhinny, aois 78, a chur fo òrdugh pròbhaidh le binn 240 uair de thìde de sheirbheis choimhearsnachd.