
Thèid Seachdain na Gàidhlig oifigeil ann an Alba a chomharrachadh ann an 2022.
'S e prògram de thachartasan a bhios ann eadar Diluain 21mh agus Didòmhnaich 27mh dhen Mhàrt 2022.
Bheir am prògram oifigeil de thachartasan còmhla grunn buidhnean eadar-dhealaichte air feadh na dùthcha.
A bharrachd air sin, thathas cuideachd airson brosnachadh a thoirt do dhaoine is buidhnean coimhearsnachd air feadh na h-Alba agus an t-saoghail a bhith a' smaoineachadh air tachartasan a bhios nam pàirt dhen phrògram mhòr.
Tha taic, stuthan ionnsachaidh agus comhairle air an làraich-lìn oifigeil, taobh a-muigh aca a chaidh a cur air bhog Dihaoine.
'S iad Bòrd na Gàidhlig as motha a bhios a' cumail taic-airgid ri Seachdain na Gàidhlig.
Toilichte
Thuirt ceannard a' Bhùird, Shona NicIllInnein, gu bheil iad air leth toilichte taic a chumail ris an iomairt.
"Brosnichidh Seachdain na Gàidhlig ceanglaichean air feadh coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Alba agus thall thairis," thuirt i.
Thuirt stiùiriche Seachdain na Gàidhlig, Joy Dunlop, gu bheil Alba fada air dheireadh le tachartas den leithid.
"Tha Èirinn a' comharrachadh a cànain is a cultair mar-thà le Seachtain na Gaeilge agus tha Mìos nan Gàidheal na tachartas cudromach air clàr-ama Cheap Breatainn", thuirt i.
Bidh dà dhreuchd phàighte an lùib a' phròiseict seo, aonan a bhios ag amas air ceanglaichean a stèidheachadh le sgoiltean agus dreuchd eile a thaobh nam meadhanan sòisealta.
Thèid prògram slàn fhoillseachadh an ath-bhliadhna.