'Ceanglaichean gun Chrìch' - Seachdain na Gàidhlig 2025 air fàire

Joy Dunlop
  • Air fhoillseachadh

Tillidh Seachdain na Gàidhlig sa Ghearran an ath-bhliadhna 'son a' cheathramh turas, agus tha na cinn-là agus cothroman maoineachaidh a tha na cois a-niste air am foillseachadh.

Thèid a cumail eadar an 24mh là den Ghearran agus an 2na là den Mhàrt, fon chuspair 'Ceanglaichean gun Chrìch'.

Bidh an tachartas ag amas air cànan agus cultar nan Gàidheal a bhrosnachadh gach cuid an Alba agus ann an dùthchannan eile gus ceanglaichean a th' ann mar thà a neartachadh, a thuilleadh air feadhainn ùra a chruthachadh.

Tha cothrom air maoineachadh suas ri £500 do dhaoine no buidhnean a tha ag iarraidh an tachartas a chomharrachadh sa choimhearsnachd aca.

Gheibhear fiosrachadh aig www.seachdainnagaidhlig.scot , taobh a-muigh

Tha gu meadhan oidhche Diardaoin an 31mh là den Dàmhair aig daoine gus cur airson taic.

Chaidh còrr air 170 tachartas a chumail mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig sa Ghearran am-bliadhna ann an 100 àite air feadh Alba agus thall thairis - Alba Nuadh agus New York nam measg.

An lùib sin bha sreath de chruinneachaidhean didseatach do sgoiltean, san do ghabh 12,600 sgoilear aig 136 sgoil ann an 27 sgìre comhairle pàirt.

“Tha na ceanglaichean a thig an cois cànain an teis-meadhan gach rud nar beatha agus ’s iad sin na ceanglaichean a tha gar nasgadh, agus seo rud a bu toil leinn a sgrùdadh, a chomharrachadh is togail air am-bliadhna," thuirt Ceannard Seachdain na Gàidhlig, Joy Dunlop.

"Tha e a’ còrdadh rium fìor mhath gu bheil uiread a sheaghan aig a’ chuspair seo – chan eil dòigh cheàrr ann airson Gàidhlig a chomharrachadh an da-rìribh, agus ceanglaichean a stèidheachadh thu fhèin.

Seachdain na Gàidhlig

“B’ e Seachdain na Gàidhlig 2024 a’ bhliadhna as motha a bh’ againn gu ruige seo, le daoine a’ gabhail pàirt is a’ comharrachadh cànan is dualchas na Gàidhlig air feadh an t-saoghail, agus na beòthalachd is a’ bheartas a thig na cois ann an saoghal cultarach na h-Alba agus thall thairis.

"Chan eil e gu diofar gu bheil i agad on ghlùn, gu bheil thu ga h-ionnsachadh no nach eil thu air Gàidhlig a chluinntinn gu ruige seo idir – tha fàilte ron a h-uile duine pàirt a ghabhail sna tachartasan aghaidh ri aghaidh againn, na h-iomairtean air loidhne, agus ann am prògram nan sgoiltean againn. Mar a chanas mi gu tric, mar is pailte, ’s ann as fheàrr!

“Tha sinn air leth toilichte cuideachd gun d’ fhuair sinn cnap maoineachaidh airson Seachdain na Gàidhlig 2025 o Bhòrd na Gàidhlig.

"Bidh fàilte ro thachartas sam bith fhad ’s a bhios Gàidhlig na lùib air dòigh air choreigin, agus chaidh maoin nan tabhartasan beaga a chruthachadh airson taic a chumail ri feadhainn mar seo ’s e a’ toirt seachad tabhartasan suas ri £500".

Dh'innis i gum bi seiseanan fiosrachaidh air loidhne mu phròiseas nan tagraidhean tràth san Dàmhair.