
Thòisich Seachdain na Gàidhlig is sreath fada de thachartasan gu bhith ann a tha ag amas air a' chànan a bhrosnachadh agus a neartachadh.
Ged a 's e seo a' chiad turas a bha Seachdain na Gàidhlig ann, tha an fheadhainn a tha air a cùlaibh ag ràdh gu bheil iad airson togail air soirbheachas Seachdain na Gaeilge ann an Èirinn agus Mìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh.
Thuirt iad cuideachd gu bheil iad air am misneachadh gu mòr le mar a tha daoine thall 's a bhos air a dhol an sàs ann an #LàAbairtNaGàidhlig bho thòisich e.
Am measg na bhios a' tachairt ann an Alba fhèin, chaidh pasgan foghlaim a chruthachadh do sgoiltean aig ìre na bun-sgoile agus àrd-sgoile.
Tha seo ann do chloinn ann am foghlam Gàidhlig agus Beurla.
Eadar-nàiseanta
A thuilleadh air sin, cuiridh Comhairle nan Eilean Siar an leabhar ùr aca, e-Cèilidh, air dòigh le cuirm-chiùil bheò bho sgoilearan nan Eilean Siar.
Tha geama ann air a bheil 'Lorg-Glaschu' a bheir luchd-cleachdaidh air cuairt bheag tron bhaile tro mheadhan na Gàidhlig gus barrachd ionnsachadh mu àrc-eòlas na sgìre.
Bidh an t-uabhas a' dol nas fhaide air falbh cuideachd le tachartasan anns a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, sa Ghearmailt, ann an Astràilia, Canada agus na Stàitean Aonaichte.
Agus tha dùil gum bi na meadhanan sòisealta air bhoil tron t-seachdain.
Ach chan eil sin ach blasad beag air na tha bhios a' dol.
"Tron t-seachain air fad tha còrr is 100 tachartas a' dol a bhith againn air feadh na h-Alba agus air feadh an t-saoghail," dh'innis stiùiriche Seachdain na Gàidhlig, Joy Dunlop.
"Tha sin a' gabhail a-steach chuairtean tro mheadhan na Gàidhlig, craolaidhean air-loidhne, seiseanan fiosrachaidh, clasaichean, bùthan-obrach - abair farsaingeachd de thachartasan," thuirt i.
Oidhirp
Agus tha Joy ag ràdh gu bheil cothrom aig a h-uile duine a dhol an sàs san t-Seachdain fiù 's mura h-eil iad a' dol an sàs ann an gin de na tachartasan foirmeil.
"Dh'fhaodadh e a bhith cho sìmplidh ri oidhirp a bharrachd a dhèanamh gus Gàidhlig a bhruidhinn ri cuideigin san teaghlach, an là a bheannachadh.
"Ma tha thu a' dol dhan bhùth, feuch gun cleachd thu beagan Gàidhlig an sin.
"Ged a tha tachartasan oifigeil againn, tha e a cheart cho cudromach no nas cudromaiche buileach gun cleachd daoine Gàidhlig, no fiù 's air-loidhne gun sgaoil iad beagan a bharrachd Gàidhlig, agus gum feuch sinn uile ris a' Ghàidhlig a neartachadh agus a bhrosnachadh," thuirt i.
Gheibhear am fiosrachadh air fad mu na bhios a' dol an seo, taobh a-muigh.