Fàilte air seirbheis adhair eadar Inbhir Nis is Baile Àtha Cliath

  • Air fhoillseachadh
Plèana
Fo-thiotal an deilbh,

Luchd-obrach bho Loganair is Port-adhair Inbhir Nis is seirbheis a Bhaile Àtha Cliath a' tòiseachadh às ùr.

Chuir Port-adhair Inbhir Nis fàilte air seirbheis dhìreach eadar am baile is Baile Àtha Cliath a tha a-nise air tòiseachadh às ùr.

Cha robh an t-seirbheis ann bho thòisich am pandemic.

Dh'innis Loganair sa Mhàirt 2020 gun robh an ceangal seo am measg sheirbheisean a bha iad a' stad rè-ùine ri linn buaidh a' Choròna-bhìorais.

Thòisich an t-seirbheis às ùr madainn Dihaoine 'son a' chiad turas bhon uairsin.

Bho seo a-mach bidh i ann ceithir turas san t-seachdain: Dimàirt, Dihaoine, Disathairne is Didòmhnaich.

Dòchas

"'S e ceum mòr air adhart a tha seo dhuinn gu bheil an t-seirbheis seo air tilleadh," thuirt manaidsear Phort-adhair Inbhir Nis, Graeme Bell.

"Bha daoine ga cur gu feum roimhe is 's e seirbheis a th' ann a tha a' neartachadh cheanglaichean chun na Gàidhealtachd," thuirt e.

Tha an naidheachd a' tighinn aig àm nuair a tha cùisean air a bhith doirbh dhan ghnìomhachas.

Dh'innis British Airways aig toiseach a' Chèitein gu bheil iad a' gearradh cuid de na seirbheisean aca eadar Inbhir Nis is Heathrow as t-samhradh mar thoradh air na dùblain a th' ann.

Aig an dearbh àm, thabhainn Loganair leisgeul do luchd-siubhail air a' Ghàidhealtachd is anns na h-eileanan airson ìre na seirbeis sa Ghiblean, is iad ag ràdh gun robh Covid gu sònraichte a' toirt buaidh orra.

Thuirt a' chompanaidh Dihaoine gu bheil earbsa luchd-siubhail a' tilleadh às dèidh a' phandemic.

Thuirt iad mar a tha sin a' tachairt gun urrainn dhaibh seirbheisean a bh' ann a thòiseachadh a-rithist agus feadhainn ùra fhoillseachadh.