Seirbheisean-adhair eadar a' Ghàidhealtachd is Lunnainn air an gearradh

  • Air fhoillseachadh
Port-adhair Inbhir Nis

Dh'innis British Airways gu bheil iad a' gearradh cuid de na seirbheisean aca eadar Inbhir Nis is Heathrow as t-samhradh.

Thuirt iad gu bheil iad air an ceum seo a ghabhail is cùisean air a bhith "dùbhlanach" dhaibh bho chionn ghoirid.

Chaidh an t-seirbheis aig BA eadar Inbhir Nis is Heathrow a thilleadh ann an 2016 às dèidh 20 bliadhna.

Bha sin a' ciallachadh gun robh e comasach do luchd-siubhail a dhol à Inbhir Nis gu Heathrow sa mhadainn is tilleadh air an oidhche.

Bha amannan ann tron phandemic nuair a chaidh cuid de na seirbheisean a chur dheth is glè bheag de dh'iarrtas orra, ach chaidh an stèidheachadh às ùr làn-ùine bhon Mhàrt.

Tinn

A-nise tha BA ag ràdh gum bi iad a' gearradh cuid de na seirbheisean tro mhìosan an t-samhraidh.

Thuirt iad gu bheil cùisean air a bhith dùbhlanach dhaibh bho chionn ghoirid is luchd-obrach dheth tinn am measg eile, is na ceudan de sheirbheisean bho Heathrow air an cur dheth.

Dh'innis iad le a bhith a' gearradh cuid de sheirbheisean as t-samhradh gun urrainn dhaibh barrachd cinnt a thoirt do luchd-cleachdaidh.

Tha manaidsear Phort-adhair Inbhir Nis, Graeme Bell, ag ràdh gu bheil coltas ann gur e co-dhùnadh eadar-amail a tha seo bho BA.

Thuirt Mgr Bell gu bheil fèill mhòr air an t-slighe eadar Inbhir Nis is Heathrow, is gu bheil e misneachail gun stèidhich BA an t-seirbheis sa mhadainn gach là às ùr cho luath 's a ghabhas.