"Tha sinn a' faicinn daoine òga a' bruidhinn ri chèile a-rithist"

Tha luchd-obrach agus sgoilearan aig Acadamaidh Inbhir Narann ag ràdh gu bheil casg air fònaichean-làimhe san sgoil air feum mòr a dhèanamh.

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd air a' mhìos a chaidh gun tèid beachdan phàrantan agus luchd-obrach sgoile a shireadh a thaobh mar a tha sgoilearan a' cleachdadh nam fònaichean-làimhe aca sna seòmraichean-teagaisg.

Tha casg orra mar-thà ann an Acadamaidh Inbhir Narann agus Àrd-sgoil Bhaile nan Granndach.

Chuir comhairlichean taic ri moladh bho dhithis chomhairlichean airson conaltradh nas fharsainge.

Thuirt Mìcheal Gregson is Helen Crawford gu bheil fònaichean a' toirt droch bhuaidh air sgoiltean is foghlam na cloinne.

Chaidh BBC Naidheachdan a dh'Acadamaidh Inbhir Narann far an cuala sinn bhon leas-cheannard, Sharon Sharkey, is tè de na sgoilearan, Meida.