Cearcaill a' chuain: bilearach-mara air fhiolmadh an Caolas Bharraigh

Cearcaill de bhilearach-mhara ann an Caolas BharraighTùs an deilbh, NàdarAlba
  • Air fhoillseachadh

Chaidh dealbhan a thogail de chearcaill bhilearaich-mhara ann an Caolas Bharraigh, agus aithisg ùr a' togail air na chaidh a chall den àrainn chudromaich an Alba.

Dh'fhoillsich NàdarAlba na dealbhan an cois aithisg ùir a tha iad air ullachadh a tha a' sealltainn mar a bha bilearach-mara uair cho pailt an Alba 's gun robhas a' tughadh thaighean leis, 's gum b' fheudar a ghearradh às an rathad air eathraichean.

Bidh na cearcaill a' fàs gu nàdarra, ach chan eil luchd-saidheans cinnteach ciamar a thachras sin.

"Cho fad 's is fiosrach sinn 's e seo a' chiad bhideo de chearcaill bhilearaich-mhara a chaidh a chlàradh riamh ann an uisgeachan na h-Alba," thuirt Manaidsear nan MPA agus Beartachadh na Mara aig NàdarAlba, Sarah Choinneagan.

Cearcall de bhilearach-mhara agus eathair ann an Caolas BharraighTùs an deilbh, NàdarAlba

"'S e àrainneachd air leth a th' ann, agus bithear tric ga coltachadh ri coille-uisge ri linn na buaidhe a bheir e air nàdar agus air a' ghnàth-shìde.

"Bidh na cluaintean torrach a chruthaicheas e a' toirt fasgaidh do an t-uabhas fiadh-bheatha, agus na duilleagan is na freumhaichean a' glacadh càrboin, a' cuideachadh ann a bhith a' dèiligeadh ri èiginn na gnàth-shìde.

"Bidh bilearach-mara cuideachd a' glanadh an uisge, truailleadh a lùghdachadh ann am maorach, agus a' dìon a' chladaich le bhith a' briseadh neart nan tonn."

Galar

Bha sin uile ag obrachadh gu math, a rèir choltais, suas dha na 1930an, nuair a rinn galair sgrios.

Sgap liathas-slaim, a' mùchadh 's a' marbhadh a' bhilearaich-mhara ann an iomadh sgìre timcheall a' chosta.

Bha an call cho dona ann an cuid de dh'àiteachan 's nach tàinig piseach air gnothaichean fhathast.

Tha truailleadh, uisge salach, leasachaidhean leithid chabhsairean agus dreidseadh chreachann uile air cur ris a' bhuile a dh'fhuiling am bilearach-mara thar nam bliadhnaichean.

Dàibhear a' dèanamh suirbhidh air bad de bhilearach-mharaTùs an deilbh, NàdarAlba

Tha an aithisg aig NàdarAlba a' nochdadh na h-uimhir de dhòchas ge-tà, a' sealltainn gun gabh toirt air bilearach-mara tilleadh ma bheirear uallach Mhic-an-duine air falbh, no far an lùghdaichear sin, 's a bheirear piseach air càilleachd an uisge.

Chunnacas sin a' tachairt ann an Loch Rìoghainn ann an Gall-Ghàidhealaibh, Linne Sholmhaigh, Loch Mhontròis agus Linne Fhoirthe, a rèir na h-aithisg.

Tha buidhnean coimhearsnachd timcheall a' chosta ag obair gus bilearach-mara a thilleadh 's a leudachadh, agus tha sgeama mhaoineachaidh a tha a' faighinn taic bhon chompanaidh chumhachd SSEN ag amas air 14 heactair de bhilearaich-mhara a chur air grunnd na mara ann an àiteachan a thathas a' meas iomchaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo