Ceist mu iasgach chreachainn an Caolas Bharraigh
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh coinneimh le ministearan an riaghaltais cho luath 's a ghabhas, agus dragh mòr orra mu phlanaichean airson bacadh a chur air tràlairean chreachainn ann an Caolas Bharraigh.
Às dèidh comhairle bho Bhuidheann Nàdair na Alba, tha Marine Scotland a' moladh casg a chuir air uidheamachd iasgaich sam bith a tha a' gluasad air a' ghrunn bho bhith ga chleachdadh sa Chaolas.
Tha Marine Scotland, buidheann mara an riaghaltais, ag ràdh gu bheil àrainneachd shònraichte sa chaolas a dh'fheumas a bhith air a dìon.
Ach tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gun dèanadh seo sgrios air an eaconomaidh ionadail, a' fàgail obraichean iasgairean agus luchd-giollachd mhaorach fo chunnart.
Inbhe
Chaidh inbhe Sgìre Shònraichte Glèidhteachais a thoirt do Chaolas Bharraigh bho chionn sia bliadhna.
Tha an inbhe seo a' ciallachadh gu bheil dìon ga chur air rudan mar sgeirean, bruthaichean-gainmhich, feamainn chruaidh ris an canar mearl agus bilearach-mara.
Nam biodh casg air cliathadh airson creachainn agus tràlairean grunna, tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gun cailleadh iasgairean ionadail am bith-beò.
Ri linn seo tha iad den bheachd gun dùnadh ionad giollachd Kallin Shellfish le call de suas ri 30 cosnadh.
Tha iad ag iarraidh coinneimh le ministearan Riaghaltas na h-Alba san aithghearrachd ag iarraidh gun tèid smachd a thoirt dhan a' choimhearsnachd fhèin air sgìrean glèidhte agus leasachadh eaconomach.
Atharrachadh
Tha iad ag ràdh nach deach measadh a dhèanamh air an seo fo Achd nan Eilean, agus gum bu chòir measadh a dhèanamh air atharrachadh sam bith ann an suidheachadh eaconomach nan eilean agus atharrachadh sam bith a tha a' tighinn air mar a tha cùisean ag obair an-dràsta.