Rabhadh a' Choimisein air 3,500 croitear

Crodh Gàidhealach
  • Air fhoillseachadh

Cuiridh Coimisean na Croitearachd litrichean foirmeil gu 3,500 croitear nach do thill am Brath Bliadhnail aca an-uiridh.

Feumar fon lagh am Brath Bliadhnail a thilleadh airson dearbhadh a thoirt don Choimisean gu bheil dleastanasan chroitearan gan coileanadh.

Thill 75% de chroitearan am brath an-uiridh, figear a bha na b' àirde na thill e roimhe.

Ach tha an Coimisean ag ràdh gu bheil 4,900 croit neo-ghairmte ann an Clàr nan Croitean, 's gu bheil am fiosrachadh seo a bhith a dhìth orra a' cur maill orra tomhas a dhèanamh air co-dhiù tha croitean gan obrachadh.

Fon lagh, feumaidh croitear a bhith a' fuireach nas lugha na 20 mìle air falbh bhon chroit aca, agus feumaidh iad a' chroit a chur gu feum.

"Tha am Brath Bliadhnail bunaiteach a thaobh riaghladh na croitearachd agus glèidheadh siostaim shònraichte na croitearachd," thuirt Àrd-Oifigear a' Choimisein, Gary Caimbeul.

"Fhad 's a tha sinn ag amas air taic a thoirt do chroitearan, tha e deatamach gun tuig a h-uile duine, agus gun coilean iad, na dleastanasan laghail a th' orra.

"'S e rud mòr a th' ann an gun a bhith a' tilleadh a' Bhrath Bhliadhnail, agus tha sinn a-niste a' gabhail cheumannan mu choinneimh sin."

Tha an litir a' toirt rabhaidh gum faodadh gun tèid fios a chur air Neach-Casaid a' Chrùin mura tillear brath na bliadhna seo, ris a bheil dùil san Fhaoilleach 2026.

Tuilleadh air an sgeulachd seo