An Coimisean a' sgrùdadh liosta de chroitearan nach do thill fiosrachadh bliadhnail

Coimisean na Croitearachd
  • Air fhoillseachadh

Tha Bòrd Choimisean na Croitearachd air cur romhpa a h-uile rud as urrainn a dhèanamh airson toirt air croitearan an dleastanasan laghail a choileanadh.

Seo an dèidh dha Riaghaltas na h-Alba iarraidh air a' Choimisean coimhead ris a' chùis, gu h-àraid co-dhiù tha croitearan a' fuireach an taobh a-staigh an astair cheadaichte de 32km (20 mìle) bhon chroit aca, agus co-dhiù tha iad air fiosrachadh bliadhnail a thilleadh chun a' Choimisein.

Feumaidh croitearan innse don Choimisean gach bliadhna gu bheil iad a' coileanadh nan dleastanasan laghail aca.

Thill barrachd chroitearan am fiosrachadh sin ann an 2024 na riamh roimhe, ach tha croitearan ann fhathast, tha an Coimisean ag ràdh, nach eil a' gabhail gnothaich ris.

Thuirt am Bòrd gun dèan iad a h-uile rud as urrainn dhaibh airson toirt air croitearan am fiosrachadh seo a thilleadh, agus iad ag ràdh gur e eucoir a th' ann gun a bhith ga dhèanamh.

Tha iad a' sgrùdadh liosta de chroitearan nach do thill am fiosrachadh aca an-uiridh, agus ag ràdh gu bheil e cudromach gun tuig an Coimisean carson a tha cuid de chroitearan gun a dhèanamh.

"Tha e na adhbhar dragh dhuinn gu bheil àireamh de chroitearan, cuid aca a tha le cliù poblach, gun am fiosrachadh bliadhnail aca a thilleadh thugainn," thuirt Cathraiche a' Choimisein, Anndra Thin.

"Chan e dìreach mearachd rianachd a tha seo - 's e eucoir a th' ann.

"Tha an Coimisean a' coimhead ris a leithid mar rud mòr."

Beachdaichidh am bòrd às ùr air na planaichean, thuirt iad, nuair a choinnicheas iad a-rithist san Ògmhios airson coimhead ris na dh'fhaodadh iad a dhèanamh mun ghnothach.