Athchuing nan gugaichean air beulaibh Holyrood

Luchd-iomairt a' togail fianais an aghaidh sealg a' ghuga
Fo-thiotal an deilbh,

Luchd-iomairt a' togail fianais an aghaidh sealg a' ghuga aig Holyrood nas tràithe air a' mhìos

  • Air fhoillseachadh

Thèid beachdachadh an-diugh aig Holyrood air athchuing a tha ag iarraidh casg a chur air sealg a' ghuga.

Tha cead aig sgioba à Nis ann an ceann a tuath Leòdhais àireamh aontaichte de ghugaichean - sùlairean òga - a spadadh ann an Sùlaisgeir, eilean beag tuath air Leòdhas, h-uile foghair 's an reic.

Tha an cleachdadh a' dol air ais linntean agus e air an t-sealg mu dheireadh de a leithid a tha fhathast ga dhèanamh ann am Breatainn.

Tha Sgioba Sùlasgeir air a ràdh roimhe gu bheil e na pàirt chudromach de chultar na sgìre is iad a' dol às àicheadh gu bheil e an-iochdmhor.

Cha deach an t-sealg air adhart eadar 2020 is 2024 air sgàth Covid an toiseach, is an uairsin ri linn mar a tha flù nan eun air buaidh a thoirt air eòin-mhara sna h-Eileanan an Iar.

Cha robh Sgioba Shùlaisgeir air tagradh a chur a-steach gu NàdarAlba airson cead fhaighinn a dhol dhan eilean tro na bliadhnaichean sin, ach chaidh cead iarraidh às ùr ann an 2025.

Air a' cheann thall thug NàdarAlba cead airson suas ri 500 eun a mharbhadh.

"Rinn sinn measadh mionaideach air an tagradh le sùil air suidheachadh nan sùlairean is tha sinn air cead a thoirt seachad airson suas ri 500 eun a mharbhadh.

Sùlairean agus gugaichean ann a Sùlaisgeir

"Tha seo pìos math nas ìsle na bliadhnaichean eile nuair a bha cead ann suas ri 2,000 a mharbhadh.

"Tha an cead ùr seo airson 2025 a' cur dìon air àireamh nan eun agus a' leigeil leotha tilleadh gu ìrean àbhaisteach às dèidh flù nan eun buaidh a thoirt orra," thuirt a' bhuidheann aig an àm.

Às dèidh dhan t-sealg a dhol air adhart bha a h-uile coltas ann gun robh fèill mhòr air na gugaichean nuair a chaidh an reic ann an Nis san t-Sultain.

Bha an caothach air cuid de luchd-iomairt gun robh an t-sealg air tòiseachadh às ùr.

Nam measg tha a' bhuidheann iomairt Protect the Wild, a tha ag ràdh nach eil e a dhìth tuilleadh, 's gu bheil e borb.

Thog iad fianais taobh a-muigh Holyrood nas tràithe air a' mhìos is tha còrr is 80,000 ainm air athchuing a thòisich iad.

Thuirt a' bhuidheann gun d' fhuair rannsachadh a dh'iarr iad gun robh 72% de na daoine a chaidh a cheasnachadh den bheachd nach robh an t-sealg cudromach gu cultarail, le 69% dhiubh ag ràdh gum bu chòir a chasg gu tur.

Bidh a' bhuidheann a' togail fianais taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba a-rithist an-diugh sa mhadainn fhad 's tha Comataidh nan Athchuingean a' beachdachadh air an athchuing, taobh a-muigh.