Cead às ùr 'son sealg a' ghuga

Sùlaisgeir
  • Air fhoillseachadh

Chaidh cead a thoirt airson a' chiad turas ann an grunn bhliadhnaichean airson sealg a' ghuga.

B' àbhaist do sgioba à Nis a bhith a' dol a Shùlaisgeir gach bliadhna airson cuibhreann de na sùlairean òga a mharbhadh, mar a rinneadh fad ghinealaichean.

Cha deach iad ann ann 2020 air sgàth Chovid 19 - a' chiad turas bho dheireadh an Dàrna Cogaidh nach deach na Nisich a Shùlaisgeir.

Ged a thill iad ann an 2021, dh'fhàg flù nan eun nach deach an t-sealg air adhart ann an 2022.

Cho-dhùin Sgioba Shùlaisgeir aig an àm nach cuireadh iad tagradh a-steach gu NàdarAlba airson cead fhaighinn a dhol dhan eilean air sgàth dragh mu bhuaidh a' flù.

Cha robh na sealgairean air cead iarraidh bhon uairsin.

Sùlaisgeir

Tha NàdarAlba a-nise air dearbhadh gun d' fhuair iad tagradh am-bliadhna is gun deach cead a thoirt seachad.

Ann am brath, thuirt a' bhuidheann gu bheil iad ag aithneachadh cho cudromach 's a tha sealg a' ghuga gu cultarail.

"'Seo a' chiad turas bho 2021 a fhuair sinn tagradh bho fhir Nis air sgàth dhragh mu bhuaidh flù nan eun air an àireimh de shùlairean", thuirt neach-labhairt bho NàdarAlba.

"Rinn sinn measadh mionaideach air an tagradh le sùil air suidheachadh nan sùlairean is tha sinn air cead a thoirt seachad airson suas ri 500 eun a mharbhadh.

"Tha seo pìos math nas ìsle na bliadhnaichean eile nuair a bha cead ann suas ri 2,000 a mharbhadh.

"Tha an cead ùr seo airson 2025 a' cur dìon air àireamh nan eun agus a' leigeil leotha tilleadh gu ìrean àbhàisteach às dèidh flù nan eun buaidh a thoirt orra."

Sùlaisgeir

Tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn gun toir an cuota ùr seo buaidh air mar a làimhseachas sgioba Shùlaisgeir an t-sealg.

Tha sealg a' ghuga uaireannan air a bhith connspaideach thar nam bliadhnaichean is cuid de luchd-iomairt air iarraidh gun rachadh a chasg.

Fhuair athchuinge na aghaidh ann an 2014 còrr is 70,000 ainm.

Tha buidheann dìon bheathaichean a-nise air a bhith a' càineadh co-dhùnadh NàdarAlba.

Thuirt a' bhuidheann OneKind gu bheil iad air an uabhasachadh agus gu bheil iad a' dol a sgrìobhadh chun an riaghaltas mu dheidhinn.

Gu traidiseanta bidh sealg a' ghuga ann san Lùnastal.

Tuilleadh air an sgeulachd seo