Drònaichean gan cleachdadh air loidhne-dealain ùr Leòdhais is na Hearadh

Dròn san adhar mar phàirt den obair an loidhne-dhealain eadar na Hearadh is Leòdhas ùrachadhTùs an deilbh, SSEN
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cleachdadh nan drònaichean a' ciallachadh nach eil na h-uimhir de mhilleadh ga dhèanamh air a' mhointich

  • Air fhoillseachadh

Dh'innis SSEN gu bheil drònaichean a' fàgail gu bheil obair-togail na loidhne-dealain ùr eadar na Hearadh is Leòdhas air a bhith nas luaithe agus nas fheàrr dhan àrainneachd.

Tha dùil aig a' chompanaidh chumhachd gur e seo a' chiad turas a chaidh an teicneòlas a chleachdadh san dòigh seo san Rìoghachd Aonaichte.

Tha a' chompanaidh Aureos, a fhuair an cùmhnant airson earrann den loidhne, air a bhith a' coimhead ri dòighean-obrach ùra a lorg airson pròiseactan ann an àrainnean dùbhlanach a lìbhrigheadh.

Tha drònaichean air a bhith a' giùlain nan càballan eadar na crainn ùra a' fàgail gu bheil an obair nas luaithe agus nach eil na h-uimhir de mhilleadh air talamh mòintich na cois.

Leis an deagh adhartas seo, tha dùil gun tèid dàrna leth den loidhne-dhealain 132kV, 58km de dh'fhaid, beò sna beagan mhìosan air thoiseach agus gum bi an obair buileach deiseil ro dheireadh na bliadhna.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 3, Fear-obrach le seacaid bhuidhe agus clogaid air ri taobh dròna air an talamh,

Thuirt Anndra Ewing, Manaidsear Pròiseict le SSEN: "Leis an teicneòlas seo, tha obair a bha uair a' toirt làithean ga dèanamh ann am beagan uairean de thìde.

"'S urrainn dhuinn an loidhne ùr a thoirt seachad nas luaithe, gun na h-uimhir de charbadan agus luchd-obrach a bhith a' dol air cuid den talamh mhòintich as cugallaiche ann am Breatainn.

Tha e ag ràdh gu bheil an loidhne ùr a' dol "an àite bunstructair a th' air a bhith ann bho 1990".

"Neartachaidh seo an lìonra agus bheir e piseach air seasmhachd an dealain do dhachaighean agus gnothachasan air feadh nan Eilean Siar," thuirt e.