Sealg a' ghuga dheth bliadhna eile

GugannanTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Cha teid sealg nan gugannan air adhart air Sulaisgeir am bliadhna air sgàth dragh mu bhuaidh Flu nan Eun.

Tha an naidheachd a' tighinn agus NàdarAlba ag ràdh gu bheil àrdachadh air a thighinn air an àireamh de dh'eòin-mara a tha air am faighinn marbh mu chladaichean na dùthcha.

Seo an dàrna bliadhna an sreath a chèile a cho-dhùin muinntir Nis ann an Leòdhas gun a dhol air adhart leis an t-sealg thraidiseanta, 's dragh orra mun ghalar.

Seo dìreach an treas turas a chaidh an t-sealg a chur dheth bho dheireadh an dàrna chogaidh.

Cha deach na sealgairean a-mach gu Sulaisgeir ann a 2020 ri linn Covid.

Bidh na fir a' dol a-mach mar as tric gach Lùnastal agus a' cur seachad mu chola-deug air a' chreig mu 40 mìle tuath air Nis agus a' sealg mu 2,000 guga.

Thuirt NàdarAlba, a bhios a' toirt seachad cead airson an t-seilg, gu bheil sgrùdadh ga dhèanamh an-dràsta air tuineachasan sùlaire anns na h-Eileanan an Iar airson tomhais a dhèanamh air buaidh a' ghalair air a' chost an iar.

GugannanTùs an deilbh, Getty Images

Thuirt neach-labhairt: "Ged a chaidh grunn shùlairean fhaighinn marbh air a' chost an iar an-uiridh cha b' urrainn dhuinn dèanamh a-mach an tàinig iad uile bhon aon àite.

"Ged nach do sheall sgrùdadh a rinnear ann an Sulaisgeir an-uiridh àireamhan bàis a-mach às an àbhaist, tha sinn mothachail gum faodadh gun do sgap flu nan eun san eilean nas anmoiche air an t-samhradh.

"Le sin, tha measadh as ùire ga dhèanamh am-bliadhna airson suidheachadh nan eun a dhearbhadh."

Chaidh na ceudan de dh'eòin mharbh a thogal far thràighean ann an Siorrachd Obar Dheathain an t-seachdain seo le NàdarAlba ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gur e flu nan eun as coireach.

Thug comhairle na sgìre rabhadh seachad gun tig tuilleadh dhiubh air tìr fhathast.