
Thèid iarrtas sam bith airson sealg nan guga sna bliadhnaichean ri thighinn a mheasadh a rèir suidheachadh nan sùlairean is flù nan eun air buaidh a thoirt air àireamhan dhiubh.
Tha sin a rèir a' bhuidhinn NàdarAlba a bhios a' toirt seachad cheadan seilge.
Tha iad cuideachd a' toirt rabhadh gu bheil flù nan eun air cron mòr a dhèanamh air eòin-mhara na h-Alba is gum bi ùine ann mus faighear seachad air a' ghalair.
Le sealg nan guga air a chur dheth airson an dàrna turas ann an trì bliadhna, tha a' cheist air èirigh uair eile a bheil an t-àm ann sguir dheth uile gu lèir.
"Chuirinn-sa stad air," thuirt Chris Packham a tha na eòlaiche-nàdair.
"Bho 1970 tha sinn air 68% de dh'fhiadh-bheatha an t-saoghail a chall agus san ath 10 gu 15 bliadhna tha sinn a' coimhead ri bhith ann an suidheachadh far am bi sinn air cur às dhan uabhas a bharrachd.
"Mar sin bu chòir dhuinn stad a bhith a' marbhadh bheathaichean nach fheum sinn a bhith a' marbhadh," thuirt e .
Ach, tha fear de chòmhairlichean thaobh siar Leòdhais is sgìre Nis den bheachd gu bheil argamaid nas làidire ann an-diugh na bha bho chionn fhada airson sealg a' ghuga a chumail a' dol.
Seasmhach
"Ma tha dòigh ann biadh seasmhach fhaighinn gu h-ionadail 's e rud cudromach a tha sin," thuirt an Comh. Dòmhnall MacSuain.
"Ma se 's gu bheil flù nan eun air buaidh a thoirt air àireamhan nan sùlairean thàiris air a' bhliadhna seo agus na bliadhnaichean a tha romhainn, feumaidh còmhraidhean a bhith ann air dè tha seasmhach ann a sheo," thuirt Mgr MacSuain.
"Fiù 's ged nach sgapadh flù nan eun an ath bhliadhna, bheir e ùine mus èirich àireamh nan sùlairean a-rithist," thuirt Robyn Ireland bho NàdarAlba.
"Bidh iarrtas ceadachd sam bith san àm ri teachd ga mheas a rèir na fianais a th' againn aig an àm sin", thuirt i.
"Tha am bhìoras air sgapadh air feadh Alba.
"Ann an Hiort, rinn Urras Nàiseanta na h-Alba sùrbhaidhean bho chionn ghoirid agus sheall e gu bheil àireamh mhòr de na sùlairean air bàsachadh.
"Is ged a chì sinn cuid de dh'iseanan a' fàgail an nead chan eil na h-àireamhan dhiubh faisg air an aon ìre 's a b'àbhaist," thuirt i.