Seirbheisean fiaclaireachd air an tuath fon phrosbaig aig Holyrood

- Air fhoillseachadh
Tha BPA nan Eilean Siar a' sireadh mìneachaidh bho Riaghaltas na h-Alba air mar tha iad a' cumail taic ri seirbheisean fiaclaireachd gus am "faigh eileanaich an cùram fiaclaireachd air a bheil iad airidh".
Cuiridh Alasdair Allan a' cheist air ministearan am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain.
Tha am BPA Làbarach 'son na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Rhoda Ghrannd, gu bhith a' faighneachd cuideachd do mhinistearan dè thathas a' dèanamh airson 's gun gabh barrachd ionadan-fiaclaireachd ri euslaintich NHS ùra.
Tha seo a' tighinn agus dragh mòr ann an Uibhist gu sònraichte gum bi iad às aonais fiaclair.
Bha dithis ann ach dhearbh NHS nan Eilean Siar gu bheil aonar air falbh agus gum fàg am fiaclair eile an dreuchd meadhan na h-ath-mhìos.
Tha Barraigh anns an aon suidheachadh, agus an eisimeil seirbheis locum.
Thuirt an t-ùghdarras slàinte gu bheil iad a' dèanamh a h-uile oidhirp gus fiaclairean fhastadh.
Uibhist gus fiaclairean a chall is "an t-seirbheis air a toirt às a chèile"
- Air fhoillseachadh9 An Dùbhlachd 2025
Fuasgladh fiaclaireachd a dhìth sa Chaol
- Air fhoillseachadh18 An t-Iuchar 2023
Dìth seirbheis fiaclaireachd "am measg na tha a' cur ri crìonadh-sluaigh"
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2025
Sgaoil iad sanasan a' coimhead airson triùir fhiaclairean, dithis do dh'Uibhist agus aonar do Bharraigh.
A thaobh locuman, thuirt iad gum biodh buidheann dhiubh ann a dhèanadh greis an siud is an seo mar a bhiodh feum orra nam faigheadh iad grunn fhiaclairean aig am biodh ùidh ann a bhith ag obair an-dràsta is a-rithist
Gheibhear fiosrachadh mu na seirbheisean fiaclaireachd aig NHS nan Eilean Siar an-dràsta an seo, taobh a-muigh.
Tha duilgheadasan le seirbheisean fiaclaireachd a' toirt buaidh air grunn sgìrean aig tuath.
Tha trioblaidean le modail maoineachaidh an NHS as coireach gu ìre gun do dhùin an t-ionad-fiaclaireachd ann an Geàrrloch agus an tè a bha ga ruith ag ràdh nach b' fhiach a chumail fosgailte.
Tha ionad-fiaclaireachd cuideachd air dùnadh sa Chaol san dà bhliadhna a dh'fhalbh air sgàth cion fhiaclairean agus draghan mu mhodailean maoineachaidh.