Liosta-feitheimh an Leòdhas airson cùram fiaclaireachd

Fiaclair ag obair air euslainteachTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chuir NHS nan Eilean Siar liosta-feitheimh air dòigh do dhaoine ann an Leòdhas a tha feumach air leigheas fiaclaireachd ach nach eil clàraichte le ionad fiaclaireachd.

Tha an liosta ag amas air taic a thoirt do dhaoine a tha feumach air cùram airson trioblaid a th' aca ann an sgìrean far a bheil e dùbhlanach clàradh le seirbheis fiaclaireachd.

Thuirt am bòrd-slàinte gu bheil iad an dòchas gun toir seo sealladh dhaibh cuideachd air na h-àitichean far nach eilear a' coinneachadh ris an iarrtas airson seirbheisean fiaclaireachd.

Tha an leithid de liostaichean ann an àite mar tha ann an Uibhist is Barraigh.

'S urrainn do dhaoine a tha a' fuireach ann an sgìrean HS1 agus HS2, agus nach eil clàraichte le fiaclair, an ainm a chur ris an liosta le bhith a' fònadh 01851 707500.

Thog am bòrd-slàinte cuideachd gur ann an Uibhist fhathast a tha an suidheachadh as dùbhlanaiche anns na h-Eileanan an Iar.

Anns na mìosan a chaidh seachad tha fear de chomhairlichean Uibhist air innse do BBC Naidheachdan gun deach an t-seirbheis a bh' ann "a thoirt às a chèile", is chaidh an gnothach a thogail cuideachd ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Thuirt àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson: "Gu mì-fhortanach tha dreuchdan bàna fiaclaireachd air nochdadh gun dùil againn ris, agus tha sinn a' sanasachd an-dràsta airson gach cuid Uibhist agus Barraigh.

"Tha sinn ag aithneachadh gu bheil seo na adhbhar dragh don choimhearsnachd ionadail, agus tha sinn duilich airson an t-suidheachaidh dhùbhlanaich a th' ann.

"Tha am bòrd fhathast fo ghealltanas gum bi triùir fhiaclairean agus luchd-taice ann an Uibhist, le dreuchd an Àrd-Oifigear Fiaclaireachd na dreuchd ùr leasaichte."

Thuirt iad gu bheil "oidhirpean nach beag" a' leantainn a thaobh fastaidh, agus gu bheil seirbheis èiginneach ann san eadar-ama.