Ceist mhòr an tèid pròiseact Ionad Hiort ann an Ùig air adhart

Tha cosgaisean Ionad Hiort air na creagan os cionn Mhangurstaidh an ìre mhath air dùblachadh
- Air fhoillseachadh
Tha na dùbhlain a thaobh na bhiodh a dhìth orra de mhaoineachadh a' fàgail gu bheil teagamh ann an tèid Ionad Hiort a bha san amharc ann an Ùig ann an Leòdhas air adhart idir.
Tha cosgais a' phròiseict air èirigh gu mòr sna 17 bliadhna on chaidh làrach ann am Mangurstadh a thaghadh airson ionad-taisbeanaidh mu eachdraidh Hiort a thogail.
"Nuair a thòisich sinn bha sinn ag obair aig £6m," mhìnich cathraiche Ionad Hiort, Iain Bochanan.
Cha mhòr nach eil cosgaisean air a dhol an-àirde a dhà uimhir agus bhiodh timcheall air £12m fhathast a dhìth airson am pròiseact a thoirt gu buil.
Adhartas le Ionad Hiort ann an Ùige Leòdhais
- Air fhoillseachadh16 An t-Samhain 2022
Ceist mu choinneimh Ionad Hiort Ùig'
- Air fhoillseachadh10 An Gearran 2021
Airgead 'son Ionad Hiort
- Air fhoillseachadh17 An Dùbhlachd 2021
Tha cead-planaidh aca ach "'s e an aon rud a tha a dhìth oirnn an t-airgead", tha Mgr Bochanan ag ràdh.
Tha na h-uimhir de dh'airgead phoblach air a ghealltainn dhaibh ach tha e ag ràdh gum feum iad fhèin suas ri £6m a thogail.
A chùm sin, tha làrach-lìn, taobh a-muigh ùr aca airson an ìomhaigh air na meadhanan-sòisealta a thogail agus "airson 's gum bi barrachd fios aig daoine mu dheidhinn a' phròiseict againn".
Ach chan eil e idir cinnteach gun dèan iad a' chùis.

Tha Iain Bochanan ag ràdh gu bheil na beagan mhìosan romhainn gu bhith fìor chudromach agus nach eil e idir cinnteach gun soirbhich leotha.
Thuirt Mgr Bochanan: "Tha e garbh duilich an-dràsta feuchainn ri airgead a thogail agus mar a tha cùisean san t-saoghal chan eil e càil nas fhasa, tha e nas duilghe na bha e idir.
"Tha e gu math duilich do sgìre bheag mar seo agus ag obair air pàirt-ùine gu saor-thoileach."
Tha e ag ràdh gu bheil na beagan mhìosan romhainn gu bhith fìor chudromach agus nach eil e idir cinnteach gun soirbhich leotha.
"Mura faigh sinn air an t-airgead a chur ri chèile ro dheireadh na bliadhna agus mura bi fios againn le cinnt gu bheil sinn a' dol a dh'fhaighinn pàirt den airgead co-dhiù, 's iongantach leamsa gun tachair e," thuirt e.
Ionad ùr mu Hiort
- Air fhoillseachadh9 An Lùnastal 2017
Adhartas air Ionad Hiort na Hearadh
- Air fhoillseachadh4 An Giblean 2018
Ionad Hiort - clàr-ama na pròiseict ga dhìon
- Air fhoillseachadh19 An Lùnastal 2016
Tha Hiort, mu 41 mìle far Leòdhais sa Chuan Shiar, air a dhìon mar Làrach Dualchais na Cruinne.
Dh'fhalbh na h-eileanaich mu dheireadh ann an 1930 agus chan eil ach luchd-obrach agus saor-thoilich Urras Nàiseanta na h-Alba a' fuireach ann airson beagan mhìosan, cho math ri luchd-saidheins agus cùmhnantaichean MoD a tha an urra ri reudar airson deuchainnean rocaidean.
Bha na h-uimhir de chonnspaid ann nuair a shoirbhich le tagradh Ùige airson Ionad Hiort a stèidheachadh.
Bha beachd ann gun robh ceanglaichean eachdraidheil nas làidire le Uibhist a Tuath agus na Hearadh a bha cuideachd san fharpais agus a tha air na planaichean aca fhèin a thoirt air adhart bhon uair sin.