--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Mangurstadh ga thaghadh airson an Ionaid Hiortaich | ||||||||||||||||||||||
Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar gur ann am Mangurstadh ann an Leòdhas a bu chòir Ionad Taisbeanaidh Hiort a stèidheachadh. Chaidh moladh comataidh ris a bheil a' chùis an urra a chur chun na Làn-chomhairle, gur e Mangurstadh an t-àite a b'fheàrr a-mach à trì àiteachan a bha ga iarraidh. 'S ann mar phàirt de pharaiste na Hearadh a bha Hiort gu h-eachdraidheil, agus bha tagradh a-staigh às an Òb, a bharrachd air fear eile às Uibhist, leis a bheil ceangal làidir ri Hiort san là an-diugh, ri linn an airm. 'S ann air cho coltach 's a thathas a' cumail a-mach gu bheil àrainneachd Mhangurstaidh ri Hiort, a chaidh tagradh a' bhaile sin a stèidheachadh. Bhòt comhairlichean 17-14 oidhche Ardaoin an aghaidh moladh gum bu chòir sùil as ùr a thoirt air a' chùis, an dèidh molaidh bho chomhairliche Hearach airson ath-sgrùdaidh. Ach thuirt luchd-iomairt anns na Hearadh gun lean an strì airson ath-sgrùdaidh, agus iad a' cumail a-mach nach robh a' chiad sgrùdadh cothromach. Thèid buidheann ùr a chur air chois airson am pròiseact a thoirt air adhart. | Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||