
Chaidh àdhartas a dhèanamh le planaichean airson Ionad Hiort ann an Ùige Leòdhais.
Tha ro-thagradh ùr airson cead-dealbhachaidh air a chur a-steach gu Comhairle nan Eilean Siar, agus na planaichean a-nis nas lugha na bha iad sa chiad dol a-mach.
A rèir nam planaichean, tha Ionad Hiort ag amas air sgeulachd nan eilean innse ann an dòigh "urrammach is chruthachail" leis a' Ghàidhlig a' faighinn prìomhachais.
Tha dùil gum bi seòmar taisbeanaidh ann, le sealladh na mara, a' coimhead a-mach air Hiort, le leabharlann is seòmraichean teagaisg cuideachd an lùib an ionaid.
Tha dòchas ann, a rèir an tagraidh, gun toir an t-ionad buannachd eaconomach dhan sgìre mun cuairt.
'S e ro-thagradh a th' ann aig an ìre seo - mus tèid iarrtas a dheànamh airson cead-dealbhachaidh.
Tha e ag ràdh gu bheil plana ùr ann a tha nas lugha na bha san amharc anns a' chiad dol a-mach, ach a tha a' dèanamh cothromachaidh eadar am buidseat, an làrach agus na h-amasan a bh' ann bho thùs, is gur e leasachadh susbainteach a th' ann fhathast.
Chithear na planaichean air làrach-lìn na Comhairle, taobh a-muigh.