Dòchas gum faigh Uibhist peatral air ais Dimàirt ach ceistean a' leantainn

Pumpaichean connaidh an Uibhist
  • Air fhoillseachadh

Tha mì-thoileachas ann gun deach Uibhist fhàgail gun pheatral, ged a tha dòchas ann gun ruig connadh an t-eilean Dimàirt.

Tha na stèiseanan connaidh ann an Uibhist agus Beinn na Faoghla uile air ruith a-mach à peatral anns na làithean mu dheireadh.

Tha e coltach gu bheil fhathast dìosal agus ola gu leòr aca.

Thathar an dùil a-nise ri làraidh le peatral a thig à Steòrnabhagh feasgar Dimàirt, ged a bhios sin a rèir na h-aimsire.

Thuirt a' chompanaidh ola Certas gur e droch shìde as coireach airson nan trioblaidean ann an Uibhist.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt ge-tà, thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Ùisdean Robasdan, gu bheil ceistean ann mu dheidhinn mar a chaidh an gnothach a làimhsicheachadh

Thuirt e gu bheil tòrr dhaoine air dragh a thogail leis mu dheidhinn.

"Bha e caran tàmailteach nach robh fhios againn gun robh an duilgheadas seo ann na uair.

"Feasgar Dihaoine a chuala mi mu dheidhinn seo nuair a dh'fhòn cuideigin a ràdh gum biodh iad a' ruith a-mach Diluain.

"Mar a thachair ruith iad a-mach Disathairne, is an uairsin dh'fheuch sinn ri greim fhaighinn air buidheann èiginn nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh 'son an rud a ghluasad air adhart."

Pumpa connaidh an Uibhist

Thuirt an Comh Robasdan gun robh cothroman air a bhith aig Certas anns na làithean mu dheireadh connadh fhaighinn a dh'Uibhist, is gun robh iad air a bhith "gu math slaodach" is gun robh "gu leòr leisgeulan" air a bhith aca.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach tachair an leithid a-rithist," thuirt e.

Rinn an Comh Robasdan moladh mòr air CalMac ge-tà, 'son mar a tha iadsan air cuideachadh le connadh fhaighinn a dh'Uibhist.

Dh'innis e cuideachd gu bheil e a' tuigsinn gu bheil cuid de na stèiseanan ann an Uibhist air peatral a chumail gu aon taobh air eagal is gum biodh suidheachadh èiginn ann.

A thuilleadh air sin, thuirt e gu bheil carbadan nan seirbheisean èiginn a' ruith air dìosal.

Ann am brath, thuirt Certas: "Dh'fhàg droch aimsir nach b'urrainn dhan tancair againn ceangal aig Loch a' Chàrnain, is tha gaoth làidir cuideachd air aiseagan eadar na h-eileanan a chur dheth is air dàil a chur air làraidhean connaidh.

"Tha sinn ag obair le buidhnean eile gus dèanamh cinnteach gum faigh connadh troimhe nas fhaide den t-seachdain is gun till cùisean chun na h-àbhaist cho luath 's a ghabhas."