Naidheachdan 11:00m
Bàs le taic
Bidh bhòtadh ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar air bàs le taic a dhèanamh laghail. Ma thèid gabhail ris a' bhile, bidh cead aig duine air a bheil tinneas marbhtach, le dùil ri bhith beò nas giorra na sia mìosan, agus aig a bheil comas eanchainn, cuideachadh iarraidh gu bàs. Ma thachras sin, 's i Alba a' chiad dhùthaich anns an Rìoghachd Aonaichte anns am biodh e ceadaichte. Dh'iarr am ball Libearalach Deamocratach Liam MacArtair, a chuir am bile air beulaibh na pàrlamaid, air na buill eile taic a chur ris ach tha feadhainn ag ràdh gu bheil laigsean ann. Tha dùil ris a' bhòt mu dheireadh mu 10:00 a-nochd.
Iran
Thuirt Israel gun do mharbh iad ceannard tèarainteachd Iran, Ali Larijani, le ionnsaigh bhon adhair agus ceannard aon de bhuidhnean armaichte Iran. Cha tuirt Tehran dad fhathast mu na h-aithrisean.
Israel
Thuirt Israel gu bheil iad a' toirt sreath ionnsaighean ùra air Tehran agus air Beirut, agus tha aithrisean ann air spreadhaidhean mòra ann am prìomh bhaile Lebanon. Agus tha sabaid mhòr ann an ceann a deas na dùthcha sin eadar Hezbollah agus feachdan Israelach.
Peatral
Tha dòchas ann gum faigh tancair le peatral air an aiseag gu ruige Uibhist an-diugh agus e coltach gun do theirig a' mhòr-chuid den pheatral aig na pumpaichean an sin air an deireadh-sheachdain. Tha ola agus diòsal pailt gu leòr. Thuirt a' chompanaidh Certas gur e an droch thìde a bu choireach nach d' fhuair am bàta connaidh gu ruige Loch a' Chàrnain, ach gu bheil làn-dùil aca gun ruig an soitheach sin Dihaoine.
Ionad Hiort
Tha dragh ann nach tèid Ionad Hiort ann an Leòdhas air adhart mura tig dearbhadh air taic-airgid a dh'aithghearr. Thuirt cathraiche a' phròiseict, Iain Bochanan, gum bi na beagan mhìosan ri tighinn fìor chudromach. Ged a fhuair an sgeama ann an Ùig cead planaidh, tha £10m a dhìth orra fhathast. Tha seachd bliadhna deug ann bho chaidh sgìre Ùig a thaghadh mar làrach ach tha cosgais a' phròiseict air èirigh gu mòr bhon uairsin.