
Tha dragh air a' bhuidhinn mu na tha an dàn do sgìr' Ùig' san àm ri teachd.
Tha an fheadhainn a tha air cùl plana Ionad Hiort a thogail ann an Ùig' ann an Leòdhas ag aideachadh gu bheil ceist mu choinneimh a' phròiseict, an dèidh mar a dh'fhailich orra taic fhaighinn bho stòras ath-leasachaidh Riaghaltas na h-Alba.
'S e an aon dòchas air fhàgail gun tèid aca air am pròiseact a thoirt gu buil gum faigh iad taic fo Aonta nan Eilean.
Tha deich bliadhna bho chaidh an làrach ann an Ùig' a thaghadh mar an tè a b' fheàrr sna h-Eileanan Siar airson sgeulachd Hiort innse.
Tha fear de stiùirichean na buidhne, Iain Bochanan, ag ràdh gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas dhan sgìre gun tèid leasachaidhean mar seo air adhart.
"Tha sinne a' dèanamh seo airson an sgìre againn a chumail beò," thuirt e.
"Sin as coireach gu bheil sinn a' putadh Ionad Hiort agus a' feuchainn ri rudeigin a dhèanamh.
"Ma bhios cùisean anns an ath-cheud bliadhna mar a bha iad anns a' cheud bliadhna a chaidh seachad, cha bhi mòran de sgìr' Ùig' air fhàgail.
"Feumaidh sinn feuchainn ri rudeigin a dhèanamh airson an t-àite a chumail beò.
"Chan eil sinn ag iarraidh Hiort eile ann an Ùig'."