Airgead 'son Ionad Hiort

  • Air fhoillseachadh
Ionad Hiort

Fhuair pròiseact Ionad Hiort an Ùig an Leòdhas taic-airgid faisg air £1m bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha an t-airgead a' tighinn bho mhaoin a tha ag amas air piseach a thoirt air eaconomaidhean ionadail às dèidh a' phandemic.

Ged a tha còrr is deich bliadhna ann bho shoirbhich le plana gus an t-ionad a stèidheachadh ann an Ùig - is tagraidhean ann à Uibhist is às na Hearadh ann cuideachd - tha duilgheadasan air a bhith ann airgead a thogail.

Nas tràithe am-bliadhna, dh'aidich an fheadhainn a tha air cùl a' phlana gun robh ceist mu choinneimh na pròiseict às dèidh mar a dh'fhailich orra taic fhaighinn bho stòras eile aig Riaghaltas na h-Alba.

Tha iad ag ràdh gur e ceum mòr air adhart a tha san airgead seo a-nise.

"'S e naidheachd air leth a tha seo dha Ionad Hiort agus gu dearbh dha Sgìre Ùige", thuirt cathraiche Ionad Hiort, Iain Bochanan.

An ath-cheum

"Cha robh dùil againn ri seo agus tha sinn, tha mi a' creidsinn, ann an shock fhathast mu dheidhinn a h-uile càil a th' ann.

"Feumaidh sinn suidhe sìos còmhla ri oifigearan aig a' Chomhairle is HIE airson dèanamh a-mach dè an ath-cheum a tha sinn a' dol a thoirt", thuirt e.

Fhuair pròiseactan eileanach eile taic bho Mhaoin an Riaghaltais cuideachd.

Tha Cnoc Soilleir aig Ceòlas Uibhist a' faighinn £750,000 'son an dàrna ìre den phròiseact aca-san.

Ann an Earra-Ghàidheal, tha £565,000 a' dol a Thiriodh 'son hub coimhearsnachd a stèidheachadh.

Thèid £285,000 a Chearrara 'son hub na coimhearsnachd an sin, is £600,000 'son pròiseact gus goireasan a' chalaidh a leasachadh ann an Caolas Ulbha.

Tuilleadh air an sgeulachd seo