Fuasgladh fiaclaireachd a dhìth sa Chaol

- Air fhoillseachadh
Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach do nochd duine sam bith ùidh ann a bhith a' stèidheachadh ionaid-fhiaclaireachd às ùr ann an Caol Loch Aillse, sia mìosan an dèidh dhan ionad a bh' ann dùnadh.
Chaidh cuid de dh'euslaintich an t-seann ionaid a chlàradh aig ionad Phort Rìgh, agus cuid eile ann an Inbhir Pheofharain.
Chan eil seo a' còrdadh ri mòran de mhuinntir an àite, 's iad ag ràdh nach eil e cothromach, le tursan suas ri còig uairean de thìde romhpa airson fiaclair fhaicinn.
"Chan eil sinn toilichte," thuirt Maggie Byrne, bhon bhuidhinn Co-obrachadh Loch Aillse, caidreachas de dh'urrasan agus comhairlean coimhearsnachd ionadail.
"Tha sinn a' faireachdainn gun deach an t-àite seo fhàgail ann an staid a tha dìreach uabhasach a thaobh fiaclaireachd, agus chan eil cothrom ann ach falbh a dh'Inbhir Pheofharain no a Phort Rìgh - ged nach eil an cothrom sin ann an-còmhnaidh.
"Niste, chan e ceist a th' ann do mhòran dhaoine dìreach leum dhan chàr.
"Tha gu leòr de dhaoine san sgìre seo nach eil cho math dheth, agus chan fhaod cuid aca ùine a thoirt far na cuid obrach no a' chlann aca a thoirt às an sgoil a shiubhal cho fada sin.
"Mar sin, chan eil sinn toilichte.
"Chan urrainn seo leantainn san ùine fhada, agus tha e gu tur mì-chothromach," thuirt i.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach eil planaichean ann aig an ìre seo airson ionad-fiaclaireachd ùr a stèidheachadh san sgìre.
Thuirt iad gu bheil seirbheisean fiaclaireachd èiginneach ri fhaotainn do dhaoine nach eil clàraichte le fiaclair aig Ionad-slàinte a' Chaoil, ma thèid an cur dha ionnsaigh le Loidhne-fòna Fiaclaireachd NHS na Gàidhealtachd.