Dithis san ospadal an dèidh tubaist-rathaid air Ghàidhealtachd

Carbad poilis
  • Air fhoillseachadh

Thugadh dithis don ospadal an dèidh do chàr bualadh ann am balla agus crann telefòin faisg air Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain.

Thachair air air an A862 aig Innis a' Bhàiridh eadar Inbhir Nis agus Innis Mhòr mu 11:35f Disathairne.

B' e càr Ford Fiesta glas a bh' ann.

Chaidh dithis a bha a' siubhal sa chàr - boireannach aois 21, agus fireannach aois 31 - a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir airson cùraim.

Thuirt na Poilis gun robh iad ag iarraidh lorg fhaighinn air Ford Fiesta dearg a chunnacas san sgìre mun aon àm.

Dh'fhaodadh fiosrachadh cudromach a bhith aig an fheadhainn a bha sa chàr sin, thuirt iad, mu mar a thachair an tubaist.