Plana ùr 'son tuath-gaoithe san Eilean Sgitheanach

Tuath-gaoitheTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis a' chompanaidh Muirhall Energy gu bheil iad an dùil ath-sgrùdadh a dhèanamh air cruth tuath-gaoithe Ghlinn Uilfhinis II san Eilean Sgitheanach.

Chaidh am plana mar a tha e an-dràsta, airson 47 crainn a thogail an iar-thuath air an t-Sruthan air taobh siar an eilein, a dhiùltadh le Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain a chaidh.

Tha a' chompanaidh a' beachdachadh air fiosrachadh a fhuair iad air ais o na h-uimhir de bhuidhnean riaghaltais agus o Chomhairle na Gàidhealtachd, 's tha dùil aca plana ùr a chur mu choinneimh mhinistearan aig Holyrood sna mìosan a tha romhainn.

Bhiodh na h-uimhir de chrainn-ghaoithe a tha sa phlana aig an ìre seo air an toirt a-mach às a' phlana sin.

Thèid an uair sin beachd iarraidh air Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath aig Comhairle na Gàidhealtachd, agus buidhnean eile.

"Fhad 's gur e briseadh-dùil a bh' ann an co-dhùnadh Comhairle na Gàidhealtachd, chaidh na h-uimhir de na tèamaichean a nochd aig coinneimh na Comhairle a thogail leis a' phoball agus an luchd-comhairleachaidh reachdail cuideachd," thuirt Ceannard Ghnothaichean Taobh a-Muigh agus Corporra Muirhall Energy, Lesley McNeil.

"Le sin, tha sinn mar thà air tòiseachadh air na h-uimhir de dh'atharrachaidhean a thoirt air a' phlana, le cruth ùr ga chur air adhart anns am bi nas lugha chrann, agus thèid am plana seo a thaisbeanadh aig tachartasan coimhearsnachd mus cuir sinn a-steach e a dh'iarraidh cead tràth sa bhliadhna ùir.

"Tha sinn air gealltainn gun obraich sinn còmhla ri càch gus molaidhean a leasachadh a dh'aithnicheadh cruthan-tìre prìseil ionadail, àrainnean agus làraichean dualchais chultarail, agus a bheireadh buannachdan eaconomach nach beag dhan sgìre ionadail, a thuilleadh air a bhith a' cur ri coileanadh thargaidean