Rannsachadh poblach ga iarraidh mu leasachaidhean gaoithe san Eilean Sgitheanach

Geàrr-shealladh
Dragh mu leasachaidhean gaoithe san Eilean Sgitheanach
Tha sreath de phròiseactan san amharc an-dràsta
Buidhnean coimhearsnachd air rannsachadh poblach iarraidh
Buannachd dhìreach dhan choimhearsnachd am measg na tha iad ag iarraidh
- Air fhoillseachadh
Dh'iarr buidhnean coimhearsnachd anns an Eilean Sgitheanach rannsachadh poblach mu phlanaichean tuathan-gaoithe ùra a thogail agus feadhainn a tha ann mar thà a leudachadh.
Tha planaichean ann an-dràsta aig grunn chompanaidhean 150 crann-gaoithe a bhios 200 meatair de dh‘àirde a thogail thairis air sreath de phròiseactan.
Sgrìobh Urras Coimhearsneachd Phort Rìgh is a’ Bhràighe agus Comhairle Coimhearsneachd Phort Rìgh gu Riaghaltas na h-Alba is iad ag ràdh gum biodh na crainn seo a dhà uidhir nas àirde na feadhainn a th' anns an Aodann Bhàn.
Thog na buidhnean grunn dhraghan mu na leasachaidhean is iad ag iarraidh air an riaghaltas rannsachadh poblach a dhèanamh.
Am measg nam puingean a th' aca, tha na buidhnean airson is gun tèid coimhead ri buaidh nam pròiseactan gu lèir air an eilean, seach mar sgeamaichean fa leth, le còmhraidhean farsaing le luchd-leasachaidh cuideachd seach co-chomhairlean fa leth.
Cha bu chòir gin de na crainn a bhith nas àirde na 100 meatair, tha iad ag ràdh, is casg cuideachd air àireamh nan crann.
A thuilleadh air sin, tha na buidhnean airson is gun tig buannachdan dìreach dha muinntir an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair le barrachd airgid airson phròiseactan coimhearsnachd agus cosgaisean cumhachd nas ìsle.
Bochdainn connaidh
Tha dragh ann cuideachd mun bhuaidh air bun-structar an eilein is grunn thrioblaideann ann mar tha le droch staid nan rathaidean, is gu dearbh cho trang 's a tha na rathaidean sin.
Tha na buidhnean airson dèanamh follaiseach nach ann an aghaidh cumhachd ath-nuadhachail a tha iad, ach gum feum na leasachaidhean a bhith air an cur air adhart ann an dòigh a tha ag obair chum maith an t-sluaigh.
Tha Faye NicLeòid na neach-labhairt airson Urras Coimhearsneachd Phort Rìgh is a’ Bhràighe.
"Feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil daoine ann a chleachdas a' chumhachd, ach cuideachd nam faiceamaid buannachd dheth sin anns an Eilean Sgitheanach.
"Tha daoine ann am bochdainn a thaobh cumhachd agus tha sinn a' pàigheadh cuid de na prìsean as àirde.
"Bhiodh e glè mhath nam biodh beagan de bhuannachd a' tighinn às na tuathan-gaoithe a tha seo", thuirt i.
"Rudeigin ann a nì feum dhan òigridh"
Dh'iarr i cuideachd gum biodh òigridh an eilein a' faighinn cuid den bhuannachd sin le taic le taighean fhaighinn, is an t-Eilean Sgitheanach am measg sgìrean far a bheil staing mhòr ann le taigheadais.
"Tha na companaidhean a tha seo, tha iad a' pàigheadh a-mach beagan dha buidheanan coimhearsnachd ach 's e cuibhrean gu math beag bìodach a tha sin an taca ris an airgead a bhios iadsan a' dèanamh agus a' toirt a-mach às an eilean.
"Ma tha iad a' dol a bhith a' cur airgid a-steach dhan choimhearsnachd, tha iarrtas ann gur e cnap a dhèanadh diofar dha na h-eileanan.
"Mar a tha fhios againn, tha gainnead taigheadais ann is bhiodh e math nam biodh iad a' cur airgid air ais a-staigh a ghabhadh taigheadas aig prìs reusanta a th' ann dha daoine òga.
"Ma tha leasachaidhean mar seo a' dol a bhith a' tachairt is tòrr airgid ga thoirt a-mach às an eilean, gum biodh sinn a' coimhead gu bheil rudan a' tilleadh dha na h-eileanan is gum biodh rudeigin ann a nì feum dhan òigridh is a dh'fheuchas ris an òigridh a chumail an seo", thuirt i.