Naidheachdan 11:00m

Andy Burnham

Tha Sir Keir Starmer air a bhith a' dìon co-dhùnadh an là an-dè bho Chomataidh Nàiseanta a' Phartaidh Làbaraich cead a dhiùltadh do dh'Andy Burnham seasamh airson na Pàrlamaid. Bha Mèar Mhanchester ag iarraidh seasamh ann am fo-thaghadh ann am Mòr-sgìre Mhanchester, ach cho-dhùin a' chomataidh gum biodh e ro chosgail taghadh eile a chumail airson mèar a dheadh na àite. Tha tòrr bruidhinn air a bhith ann gun seasadh Mgr Burnham an aghaidh Sir Keir airson ceannas a' phartaidh.

Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir

Tha rannsachadh tubaist-bhàsmhoir air tòiseachadh madainn an-diugh mu thubaist-rèile anns an deach triùir fhireannach a mharbhadh faisg air Stonehaven ann an 2020. Chaidh an trèana eadar Obar Dheathain agus Glaschu far na rèile aig Carmont, an dèidh bualadh ann am maoim-slèibhe. Chaidh an dràibhear, an conductor agus fear den luchd-siubhail a mharbhadh. Tha dùil gum mair an rannsachadh ann an Obar Dheathain trì no ceithir seachdainnean.

Luchd-ealain

Tha Rùnaire Cultair na h-Alba, Aonghas Robasdan, ag ràdh gu bheil e a' coimhead ri sgeama bun-teachd-a-steach do dhaoine a tha ag obair anns na h-ealain. Chuireadh sgeama den t-seòrsa air chois ann an Èirinn, far a bheil an Stàit a' pàigheadh €1,300 anns a' mhìos do dhaoine. Tha luchd-ealain ann an Alba den bheachd gu bheil rudeigin den t-seòrsa a dhìth an seo oir gu bheil obair cultair ann a Alba aig "crois-rathaidean".

Seirbheisean Bus

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' coimhead ri dòighean air seirbheis bus a chumail ri sgìrean de dh'Inbhir Nis anns a bheil a' chompanaidh Stagecoach gan gearradh. Tha e a' bualadh air Dail an Eich, Dreigidh, Cùil Daothail agus Baile Mhuilinn an Lèigheis. Thuirt Stagecoach gu bheil iad a' lùghdachadh sheirbheisean air sgàth 's nach eil gu leòr gan cleachdadh, dìth dhràibhearan 's gun do chaill iad cùmhnantan bhon Chomhairle.

Taighean-seinnse

Chì taighean-seinnse ann an Alba àrdachadh còrr air £36,000 sa choitcheannas ann an reataichean gnothachais thairis air trì bliadhna a rèir àireamhan ùra bho UK Hospitality Scotland. Tha a' bhuidheann gnìomhachais ag ràdh gu bheil na reataichean bonntaichte air teachd-a-steach 's gu bheil aig na taighean-seinnse ri prìsean a chur an-àirde airson dèiligeadh le cosgaisean mòra, 's le sin thèid na reataichean a dh'fheumas iad a phàigheadh an-àirde.