Dh'iarr athair a chaill a mhac an tubaist crathadh air ceadan-draibhidh

Alan Knox a' cumail dealbh de a mhac a chaill a bheatha ann an tubaist rathaidTùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Tha neach-eiridinn às a' Ghearasdan a chaill a mhac ann an tubaist rathaid ag iarraidh riaghailtean nas teinne do dhraibhearan ùra agus e den beachd gum faod sin beathannan a shàbhaladh.

Bhàsaich mac Ailein Knox, Lewis, 16, agus dithis dheugairean eile ann an tubaist le aon chàr air an A830 eadar Malaig is Àrasaig san Lùnastal an-uiridh.

Dh'iarr e gum biodh casg air draibhearan òga airson sia mìosan an dèidh dhaibh an cead-draibhidh fhaighinn luchd-siubhail òga a bhith sa charbad còmhla riutha.

Tha e ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, ris a bheil ceadan-draibhidh an urra, "beachdachadh air an lagh atharrachadh air feadh Bhreatainn".

Tha Mgr Knox ag ràdh gu bheil coinneamh mhath air a bhith aige mar-thà le Rùnaire Còmhdhail na h-Alba, Fiona Hyslop.

Thuirt Ms Hyslop gun do "dh'iarr i air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte na cumhachdan a thoirt do dh'Alba airson pìleat a dhèanamh air ceadan-draibhidh ìrichte".

Fhuair Mgr Knox taic bhon BhPA aige, an Leas Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis a thuirt "gun robh cus droch thubaistean agus tubaistean marbhtach san robh draibhearan òga an sàs" san roinn-phàrlamaid aice.

An dèidh bàs a mhic, thuirt Mgr Knox gu bheil e làidir den bheachd gu bheil "cruaidh fheum atharrachadh a thoirt" air mar a tha ceadan-draibhidh gan riaghladh.

"Tha mi air a bhith ag obair don t-seirbheis ambaileans airson 40 bliadhna agus bha fios a-riamh agam mu cho cunnartach 's a tha na rathaidean do dhaoine òga."

Thuirt e gum faodadh càr làn charaidean beòthail aire dheugairean le cead-draibhidh ùr a bhith air a thoirt far an rathaid, a' fàgail cunnart a bharrachd gun tachair tubaist.

Tha e ag iarraidh air Riaghaltas Westminster coimhead air mar a tha siostaman den t-seòrsa a tha e a' moladh air obrachadh ann an dùthchannan eile.

Thuirt Mgr Knox: "Bha lùghdachadh còrr agus 80% air na fhuair de dhraibhearan eadar 16 agus 19 bliadhna de dh'aois bàs an dèidh dhaibh ceadan-draibhidh le diofar ìrean a thoirt a-steach ann an Canada.

"Chaidh an aon seòrsa lùghdachaidh fhaicinn ann an New Zealand agus Astràilia."

Tha Roinn Còmhdhail Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gu bheil iad "airson daoine òga a chumail sàbhailte air na rathaidean agus cothrom a thoirt dhaibh air obair, foghlam agus rudan sòisealta aig a' cheart àm".

Thuirt neach-labhairt: "'S e sin as coireach nach eil sinn a' toirt a-steach cuingealachaidhean air draibhearan ùra.

"An àite sin, tha am fòcas againn air deasachadh nas fheàrr mus dèan daoine òga an deuchainn, nam measg tha sinn a' sireadh bheachdan air am bu chòir ùine ionnsachaidh as lugha a bhith ann."