"Glan Fhèin làn cridhe is craic" a reir Ben Fogle a nochdas san t-sreath ùr

Betty, manaidsear na h-oifis ann an Glan Fhèin, agus Ben Fogle Tùs an deilbh, JAMIE SIMPSON
  • Air fhoillseachadh

Tha am prògram comadaidh Glan Fhèin a' tilleadh gu BBC ALBA le caractar ùr ris nach biodh dùil 's dòcha - an craoladair agus an sgrìobhadair Ben Fogle a tha mòran nas aithnichte airson prògraman siubhail.

Tha Glan Fhèin air a sgrìobhadh le Hannah McKirdy agus Lana Pheutan a tha cuideachd a' cluich nan dithis charaidean aig cridhe an dràma ghòraich.

Tha Ceitidh is Angela a' ruith gnothachais a' glanadh àiteachan-fuirich turasachd sa choimhearsnachd fhicseanail, Gleann Gorm.

Tha trì prògraman san t-sreath ùr a' leantainn an dithis agus san fhear mu dheireadh tha Ben Fogle a' nochdadh mar fhear a' bhlàr a-muigh a tha ann an trom gaol le manaidsear na h-oifis aca, Betty.

Chan fhada tha e coltach gus am faigh e a-mach nach e tè dhìleas a th' ann am Betty idir.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 5, Ben Fogle na shuidhe air beulaibh teanta le bhana air a bheil Glan Fhèin sgrìobhte air a chùlaibh ,

Thuirt Ben Fogle: "A-mach às a h-uile cuairt-dànachd a rinn mi air feadh an t-saoghail, 's e blàths nan daoine a tha a' maireachdain dhomh, agus 's e a b' fhìor thoil leam mu Ghlan Fhèin cho làn cridhe agus craic 's a tha e.

"Tha na caractaran a' faireachdainn cho fìor agus làn beatha agus bha e na adhbhar aoibhneis a bhith mar phàirt dheth fiù' s airson ùine ghoirid."

Tha Lana Pheutan ag ràdh gu bheil iad "air an dòigh Glan Fhèin a thoirt air ais airson dàrna sreath".

"Abair thusa gun robh e math gun do dh' aontaich Ben Fogle a bhith còmhla rinn.

"Tha fadachd oirnn gus am faic daoine na thachras," thuirt i.

Thuirt Bill MacLeòid, Deasaiche Coimiseanaidh do MG Alba: "Cuiridh mi geall nach biodh sibh air Ben Fogle fhaicinn mar seo roimhe!

"Chan eil an teas-ghràdh aige do Bhetty agus mar a bhios càch a' diùltadh aithneachadh ach a' cur ris an àbhachdas."

Tòisichidh an sreath ùr air BBC ALBA oidhche Chiadain aig 9f is bidh e cuideachd ri fhaicinn air an iPlayer.