Leasachadh ann an cabhaig a dhìth son FtMG san àm ri teachd

Eideadh SGG, Glaschu
  • Air fhoillseachadh

Tha aithisg ùr bho Luchd Sgrùdaidh an Rìgh airson Sgoiltean (HMI) a' cur ìmpidh air ùghdarrasan aig gach ìre leasachaidhean a chur an sàs ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig anns an aithghearrachd - gu sònraichte aig ìre na h-àrd-sgoile agus do luchd-ionnsachaidh.

Tha an aithisg,Evaluating the Quality of Gàidhlig Education: actions to raise standards, quality and equity, taobh a-muigh, a' togail air obair-sgrùdaidh a chaidh a dhèanamh air 58 sgoiltean Gàidhlig.

Bha measgachadh de sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean ann air feadh Alba.

Thuirt HMI gun do lorg iad fianais de dheagh ionnsachadh ann an tòrr bhun-sgoiltean le eisimpleirean matha de bhogadh làidir ann an Gàidhlig agus tidsearan a bha air leth taiceil don chànan.

Ach thuirt iad cuideachd gu bheil cion luchd-obrach, dìth leantaineachd sa churraicealam agus goireasan fhathast gu math cugallach ann am mòran sgìrean.

Thuirt iad cuideachd gu bheil dragh sònraichte orra mun àireimh sgoilearan a tha a' taghadh Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile.

Tha iad a' cur cuideam sònraichte air bogadh sa chànan agus cho cudromach 's a tha seo gu h-àraidh aig na tràth-ìrean.

Tha iad 'a moladh gum bu chòir do dh'ùghdarrasan ionadail dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile leanabh air sgoil-àraich. Seo mar dhòigh gus adhartas a bhrosnachadh agus targaidean buileachaidh adhartachadh.

Tha iad ag ràdh nach eil co-ionnannachd ann am foghlam sgoil-àraich an-dràsta.

Thuirt HM Àrd Inspector eadar-amail an Fhoghlaim, Graeme Logan: "Tha Gàidhlig a' fàs nas làidire agus nas fhollaisiche mar phàirt de shiostam foghlaim na h-Alba. Tha fianais gu math soilleir ann de dheagh theagasg agus gu bheil amasan a' fàs san roinn.

"Ach airson an adhartais seo a leudachadh agus a ghlèidheadh, tha feum air gnìomhan aig astar, gu h-àraidh ann am foghlam àrd-sgoile agus am measg shlighean do luchd-ionnsachaidh.

"Bheireadh seo cothrom do bharrachd dhaoine òga leantainn orra le bhith ag ionnsachadh, a' cleachdadh agus a' coileanadh tron Ghàidhlig".

Am measg nam prìomh mholaidhean a tha a nochdadh san aithisg:

  • Bu chòir don h-uile buidheann an curraicealam agus an àireamh de luchd-ionnsachaidh a leasachadh aig astar, a thuilleadh air ionnsachadh proifeasanta, goireasan agus leudachadh a dhèanamh mar phàirt den leasachadh sin.

  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba stiùireadh air planadh ro-innleachdail a chruthachadh gus piseach a thoirt air cùisean agus airson taic a chumail ri sgoiltean, ùghdarrasan is com-pàirteachan airson seasmhachd a' chànain 'sna bliadhnaichean air thoiseach.

  • Bu chòir do dh'ùghdarrasan ionadail a bhith cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile duine cloinne air sgoil-àraich mar dhòigh riatanach air adhartas a dhèanamh agus mar dhòigh gus an neo-ionnannachd a th' ann an-dràsta a choinneachadh.

  • Bu chòir do bhuidhnean trèanaidh thidsearan an aithisg a chleachdadh airson a bhith cinnteach gu bheil an trèanadh a tha tidsearan a' faighinn a' cruthachadh luchd-obrach le sàr-sgilean ann am FtMG.

  • Bu chòir do cheannardan is tidsearan sgoile cnuasachadh air an aithisg gus adhartas a dhèanamh aig astar ann a bhith ag àrdachadh an àireamh chloinne le Gàidhlig a tha a' fàgail na sgoile agus iad fileanta le sgilean litearrais aig àrd-ìre.

  • Bu chòir do chloinn agus òigridh a h-uile cothrom a ghabhail airson Gàidhlig ionnsachadh agus mu chultar a' chànain anns an sgoil agus air taobh a-muigh na sgoile.

Bogadh

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil an astar aig a bheil planadh curraicealam a' tachairt gu nàiseanta do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig fada ro shlaodach, nach eil e coileanta agus gum bu chòir do sgoiltean an àireamh a tha ag ionnsachadh Gàidhlig mar dhàrna cànan ann am foghlam tro mheadhan na Beurla àrdachadh.

Thuirt an luchd-sgrùdaidh gu bheil cha mhòr a h-uile tidsear Gàidhlig dealasach agus na ceannardan èifeachdach ann a bhith a' cruthachadh suidheachadh seasmhach don chànan.

Chunnaic iad neartan ann an ceannas àrd-cheannardan FtMG aig ìre bun-sgoile.

Tha iad ag ràdh ge-tà, gu bheil dìth leantainneachd is cunbhalas ann aig ìre sgoil-àraich agus àrd-sgoil air feadh na dùthcha, ged a bha neartan an sin cuideachd.

Chan eil òigridh ann an àrd-sgoiltean nach eil a' faighinn bogadh làidir anns a' chànan cho fileanta agus chan eil na tha iad a' faighinn tro mheadhan na Gàidhlig de chuspairean leantainneach gu leòr airson an toirt gu fileantachd aig a cheann thall, thuirt iad.

Thog iad air grunn rudan eile - leithid gum feum beachdan phàrantan a bhith mar phàirt de phlanaichean ro-innleachdail agus gum feum àrd-cheannardan trèanadh proifeasanta agus taic ann a bhith a' toirt fainear dè a' bhuaidh a bheir poileasaidh air Gàidhlig.

Tha cothroman aig tidsearan ann an ùghdarrasan ionadail anns a bheil àireamh nas àirde de luchd-labhairt agus de luchd-ionnsachaidh air coinneachadh agus obrachadh còmhla. Tha cuid de luchd-teagasg Gàidhlig a' faighinn ais-mholadh ach chan eil seo a' tachairt gu cunbhalach air sgilean ionnsachaidh is teagasg.

A rèir an luchd-sgrùdaidh, tha obair air leth a' tachairt nuair a dh' obraicheas àrd-cheannardan, tidsearan agus buidhnean eile còmhla airson freagairtean a lorg do dhùbhlain sam bith. Bu chòir do bhuidhnean, thuirt iad, taic a thoirt do dh'òigridh le bhith a' bruidhinn Gàidhlig san raon-chluich agus ann am pàirtean eile den sgoil, air falbh bhon chlas.

Tha iad a' togail air cothroman ionnsachaidh ann an Gàidhlig dhaibhsan aig 16+ leithid preantasachdan agus cho cudromach 's a tha sin ann a bhith a' tighinn gu fileantachd.

Bu mhiann leis an luchd-sgrùdaidh cuideachd barrachd chothroman tro fhoghlaim aig àrd-ìre agus barrachd phreantasachdan Gàidhlig fhaicinn ann an grunn roinnean.