Comataidh aig Holyrood a' moladh "co-ionnanachd spèis" eadar craoladh Gàidhlig is Cuimris

- Air fhoillseachadh
Bu chòir co-ionnanachd spèis a bhith aig craoladh na Gàidhlig ris a' Chuimris taobh a-staigh a' BhBC, a rèir comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Tha Comataidh na Bun-reachd is a' Chultair aig Holyrood cuideachd ag iarraidh gum bi "maoineachadh seasmhach" ann airson craoladh na Gàidhlig tro BhBC ALBA.
A thaobh a' BhBC ann an Alba san fharsaingeachd, tha iad ag ràdh gum bu chòir beachdachadh air "structar nas feadarailaiche" anns am biodh barrachd chumhachdan is smachd aig BBC Scotland, agus gum bi "barrachd ghuthan Albannach ag innse sgeulachdan Albannach."
Tha a' chomataidh air aithisg fhoillseachadh às dèidh dhaibh rannsachadh a dhèanamh air craoladh ann an Alba.
Thèid na fhuair iad a chur ris a' cho-chomhairle aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air Cairt ùr a' BhBC.
Thig a' chairt a th' ann - na cùmhnantan fo bheil am BBC ag obair - gu ceann aig deireadh 2027.
MG ALBA: "Cothrom" an lùib Cairt ùr a' BhBC don Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh2 Am Màrt
"Dùbhlain ionmhais" mu choinneimh craoladh Gàidhlig
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach 2025
Tha MG ALBA, a tha a' ruith BBC ALBA ann an co-bhann leis a' BhBC, air a bhith a' coiteachadh airson Cairt ùr a' BhBC a chleachdadh gus suidheachadh craoladh na Gàidhlig a neartachadh.
San fhreagairt acasan dhan cho-chomhairle mun chairt ùr, bha iad air iarraidh gum biodh maoineachadh BBC ALBA is BBC Radio nan Gàidheal air a dhearbhadh san aon dòigh agus aig an aon àm ri maoineachadh S4C sa Chuimrigh.
Dh'iarr iad cuideachd gum biodh cinnt air maoineachadh seasmhach san aon dòigh mar a th' ann 'son S4C.
San aithisg ùir, tha Comataidh na Bun-reachd is a' Chultair aig Holyrood a' cur taic ris na dh'iarr MG ALBA.
Tha iad ag ràdh gum bu chòir dhan chairt ùr aig a' BhBC co-ionnanachd spèis aithneachadh eadar seirbheisean na Cuimris is seirbheisean na Gàidhlig.
Thathar ag ràdh cuideachd gum bu chòir dhan chairt ùr aithne a thoirt air "inbhe shònraichte" BBC ALBA mar sheirbheis Ghàidhlig a tha air a ruith mar cho-bhanntachd.
Air ceist an airgid tha buill na comataidh ag ràdh gum bi a' chairt ùr a' dearbhadh "taic-airgid sheasmhach" 'son craoladh mion-chànan ann am Breatainn, a' toirt a-steach Gàidhlig tro BhBC ALBA.
"Structar nas feadaralaiche"
A thaobh a' BhBC ann an Alba san fharsaingeachd, tha Comataidh na Bun-reachd is a' Chultair ag ràdh gun d' fhuair iad faireachdainn tron rannsachadh aca nach eil Alba is cultar na h-Alba air a riochdachadh mar a bu chòir.
A thuilleadh air "barrachd ghuthan Albannach ag innse sgeulachdan Albannach", thathar a' moladh sùil a thoirt air structar riaghlaidh a' BhBC.
Bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, am BBC is Ofcom meòrachadh air "structar nas feadaralaiche, anns am biodh BBC Scotland mar phàirtear seach fo-bhuidhinn", tha a' chomataidh ag ràdh.
Fon mhodail seo, bhiodh barrachd smachd aig BBC Scotland air poileasaidhean deasachaidh, maoineachadh is coimiseanadh.
A thaobh sheirbheisean naidheachd a' BhBC, tha Comataidh na Bun-reachd is a' Chultair a' togail air a' chairt ùr mar chothrom eile air sealltainn ann an dòigh nas soilleire dè na gnothaichean a tha fo smachd nan diofar phàrlamaidean anns an Rìoghachd Aonaichte.
Tha iad ag ràdh gu bheil dragh air a bhith ann nach eil seo air a bhith a' tachairt mar a bu chòir fad iomadh bliadhna.
Dàil air co-dhùnadh Ofcom air gearraidhean STV
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Luchd-naidheachd STV air stailc mu phlana naidheachdan aig tuath a ghearradh
- Air fhoillseachadh7 Am Faoilleach
Tha Comataidh na Bun-reachd is a' Chultair a' togail dhraghan cuideachd mu sheirbheisean naidheachdan ionadail ann an Alba a bhith air an lùghdachadh.
Tha iad ag ràdh gum bu chòir do dh'Ofcom a bhith mothachail mun t-suidheachadh agus na cumhachdan aca a chleachdadh gus naidheachadan ionadail a dhìon.
Tha seo a' tighinn aig àm nuair a tha an riaghaladair air dàil a chur air co-dhùnadh mu phlanaichean aig STV gus na seirbheisean naidheachd acasan ann an Ceann a Tuath na h-Alba a ghearradh.
Thog a' chomataidh cuideachd air atharrachaidhean bho chionn ghoirid ann an clàr BBC Radio Scotland a thaobh phrògraman ciùil.
Thuirt buill nach robh iad sàsaichte leis na freagairtean a fhuair feadhainn a bha ag iomairt an aghaidh nan atharrachaidhean is air a bheil dragh gun caill luchd-ciùil ùra cothrom.
Tha iad ag ràdh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba leantainn orra le sùil nas mionaidaich a thoirt air a' chùis.