40 bliadhna de FtMG an Alba - "Tha obair ri dhèanamh fhathast!"

- Air fhoillseachadh
Cha robh ach dà aonad ann an Alba air fad nuair a thòisich clann bheaga foghlam fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig gu foirmeil airson a' chiad uair ann an 1985.
Bha iad sin stèidhichte ann an Bun-sgoil a' Mheadhain ann an Inbhir Nis agus am Bun-sgoil Sir Iain Maxwell ann am Pollockshaws an Glaschu.
Bha nas lugha na 20 sgoilear eadar an dà làraich.
An-diugh, tha còrr is 5,000 pàiste a' faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoile agus àrd-sgoile.
Thòisich 57% de chloinn sna h-Eileanan an Iar P1 ann am FtMG as t-fhoghair am-bliadhna.
A dh'aindeoin gach adhartais, tha luchd-strì a' chànain ag ràdh gu bheil obair a dhìth fhathast airson FtMG a leudachadh agus barrachd sgoiltean Gàidhlig fa leth a stèidheachadh.

Tha Iain MacIllechiar ag ràdh gum b' fheudar dhaibh strì a dhèanamh an Inbhir Nis gus am biodh "a' chomhairle a' creidsinn sa ghnothach"
Rinneadh strì agus obair ullachaidh ann an Inbhir Nis fad dà bhliadhna mus do dh'fhosgail an t-aonad an sin.
Tha Iain MacIlleChiar, fear den luchd-iomairt, ag ràdh gun robh aca "ri toirt air a' chomhairle creidsinn sa ghnothach".
Thuirt e: "Cha robh sìon de dh'fhios acasan mu dheidhinn.
"Thuirt a' chomhairle nan robh ochdnar chloinne againn gum fosgladh iad clas agus bha sinn a' cur a-mach cheisteachan is bha coinneamhan againn."
Mu dheireadh, seach ochdnar bha deichnear sgoilearan.

Thug teagasg sa chiad chànan aice "toileachas mòr" do Rosemary Ward
Bha Rosemary Ward am measg nan tidsearan a bha ag obair ann am FtMG nuair a thòisich e.
"'S e an rud a bhuail orm aig an àm cho làidir 's a bha na pàrantan airson na Gàidhlig agus cho cuideachail 's a bha iad.
"Chan e a-mhàin na pàrantan ach coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Glaschu aig an àm.
"'S e urram a bh' ann agus thug e tòrr, tòrr toileachais dhomh," thuirt i.

Tha Shona NicLeòid air a dhol air ais gu clas Gàidhlig mar thidsear
Fhuair Shona NicLeòid oideachadh tro mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Nis agus tha i an-diugh a' teagasg ann am bun-sgoil Ghàidhlig a' bhaile.
"A' coimhead air ais a-nis agus a' faicinn na strì a th' ann a bhith a' stèidheachadh sgoil Ghàidhlig ann an àite sam bith, cho fortanach 's a bha sinn gun d' fhuair sinn an cothrom sin", thuirt Shona.
Ged nach i Lisa Storey a bh' aice mar thidsear, tha tuigse aig Shona a-nis air an obair mhòr a rinn ise le càch mus do dh'fhosgail an t-aonad Gàidhlig.
"Chan eil fhios agam ciamar a rinn iad e, leis an uallach a th' oirnn agus an obair tha sinn a' dèanamh, agus an t-uabhas obrach ri dhèanamh."

Tha Joanne Mhoireach cuideachd na tidsear Gàidhlig an dèidh a dhol tro FtMG
Tha Joanne Mhoireach ag obair còmhla ri Shona. Chaidh ise gu aonad Gàidhlig Bun-sgoil a' Mheadhain cuideachd.
"Bha tòrr taice aca bho na pàrantan. Bhiodh iad a' coinneachadh agus bhiodh iad a' dèanamh na pasteovers sna leabhraichean.
"Bha e cho ùr aig an àm agus cha robh na goireasan deiseil ann," thuirt i.
Thàinig piseach mòr air an stuth teagaisg sna 40 bliadhna on dh'fhosgail dorsan a' chiad aonaid.

Chunnaic Shona NicLeòid agus Joanne Mhoireach leasachadh mòr am foghlam trò mheadhan na Gàidhlig on bha iad fhèin nan sgoilearan òga
Thàinig fàs mòr air FtMG cuideachd san ùine sin cuideachd. A rèir nan àireamhan aig Bòrd na Gàidhlig airson 2024/2025, tha an-diugh còrr is 50 aonad Gàidhlig an cois bun-sgoile.
Tha grunn bhun-sgoiltean Gàidhlig fa leth ann an Alba, agus aon àrd-sgoil far a bheilear a' teagasg gu tur tro mheadhan a' chànain.
Tha deasbad agus sgrùdadh a' dol sna h-Eileanan an Iar, a' choimhearsnachd Ghàidhlig as làidire an Alba, mu bhith a' stèidheachadh àrd-sgoil fa leth.
Tha grunn àrd-sgoiltean far am faigh a' chlann oideachadh ann an cuid de chuspairean sa Ghàidhlig.
A bharrachd air an sin tha 59 sgoil-àraich air feadh na dùthcha.
Dàil air buil sgrùdaidh air àrd-sgoil Ghàidhlig an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh18 An t-Sultain 2025
"Cothrom ann" campas Gàidhlig a stèidheachadh an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh13 An Dùbhlachd 2024
Uile gu lèir bha 5,862 pàiste a' faighinn foghlam bun-sgoile agus àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig sa bhliadhna sgoile mu dheireadh, a rèir àireamhan Bhòrd na Gàidhlig.
Ge-tà, chan eil an sin ach 0.8% den t-sluagh Albannach.
Am beachd Magaidh Wentworth bho Chomann nam Pàrant, tha obair ri dhèanamh fhathast
"Na rudan nach eil air a bhith cho soirbheachail againn fhathast - foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile, gum bi barrachd sgoiltean fa leth ann agus barrachd taice a thaobh na cloinne taobh a-muigh na sgoile agus taobh a-staigh na sgoile le cànan.
"Bu chaomh leam fhaicinn nach biodh ann ach Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sna h-Eileanan Siar, mar eisimpleir, gur e dìreach Gàidhlig a bhiodh ann.
"Am bi sin a' tachairt ann an 40 bliadhna eile? Chì sinn!"