Naidheachdan 11:00m

Cogadh Iran

Tha Israel air an tuilleadh ionnsaighean a thoirt air Tehran, 's arm Iran ag ràdh gun deach fear de na h-oifigich as àirde dreuchd aca a mharbhadh. Tha Iran cuideachd air ionnsaigh a thoirt air dùthchannan eile sa Ghulf, le aithris mu theine aig ionad giollachd ola ann an Kuwait. Thuirt Israel gun sguireadh iad a bhith toirt a' ionnsaigh air raointean gas Iranianach tàilleabh cho caochlaideach 's a bha na margaidhean cumhachd an-dè.

Cumhachd

Tha a' bhuidheann-sgrùdaidh Cornwall Insight a' tomhas gun tig àrdachadh còrr air £300 air a' chuibhreachadh air prìs a' chumhachd tàilleabh a' chogaidh san Ear-Mheadhanach. Tha iad ag ràdh gum biodh e aig cha mhòr £2000 sa bhliadhna do dhachannan a bhios a' cleachdadh dà seòrsa connaidh san Iuchar.

An Rìoghachd Aonaichte

Tha Iran cuideachd air a ràdh gun deach innse do Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Yvette Cooper, gun rachadh gabhail ris gun robh an Rìoghachd Aonaichte fhèin an sàs sa chogadh nan leigeadh iad le na Stàitean Aonaichte ionadan arm Breatannach a chleachdadh. Chaidh barail Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a shireadh mun siud.

Inimreachas

Tha buill-pàrlamaid Labàrach a tha a' cur an aghaidh phlanaichean an riaghaltais air inimreachas air maoidheadh bhòt shamhlachail a chumail sa phàrlamaid mura gèill ministearan. Tha Rùnaire na Dùthcha, Shabana Mahmood, an dùil dùblachadh a thoirt air an ùine a th' aig inimrichean ri feitheamh gus am faigh iad cead maireannach gus fuireach san dùthaich. Tha ministearan air leigeil fhaicinn ge-tà, gum biodh iad deònach ma dh'fhaoidhte aontaidhean sealadach a ruighinn airson cuid de dh'inimrichean.

Gearasdan nan Camshronach

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur ìmpidh air Oifis na Dùthcha bruidhinn riutha mu na planaichean gus luchd-siridh comraich a chur gu Gearasdan nan Camshronach an Inbhir Nis. Tha eas-aonta ann air am bu chòir cead HMO a bhith aig an làraich gus suas ri 300 duine singilte a chumail ann. Bha dùil riutha sin aig deireadh na bliadhna an-uiridh, ach cha deach duine a chur ann thuige seo.

Luchd-togail fianais

Tha dithis air sreap air mullach togallach NàdarAlba ann an Inbhir Nis madainn an-diugh agus iad a' togail fianais an aghaidh a bhith a' sealg a' ghuga. Bha an dithis air èideadh guga a chur orra agus iad airson 's gun rachadh stad a chur a bhith a' toirt cheadan seachad 'son a bhith gan sealg. Thuirt Poileas Alba gun deach fios a chur orra mun togail fianais 's gun deach oifigearan a chur ann. Chaidh fios a chur air NàdarAlba gus am barail fhaighinn.