Foghlam Gàidhlig san Àrd-sgoil "cugallach" a rèir aithisg ùir

- Air fhoillseachadh
Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre na h-àrd-sgoile cugallach agus tha eadar-dhealachadh mòr ann an ìrean a' churraicealaim ann an diofar àitichean, a rèir aithisg ùir a chaidh a dhèanamh do Bhòrd na Gàidhlig.
Cho-dhùin an aithisg a dheasaich na h-eòlaichean foghlaim Jim Whannell agus Wilson MacLeòid gur e dìth thidsearan an cnap-starra as motha ann a bhith a' leasachadh chùisean.
Thuirt iad gu bheil dìth chuspairean a' putadh sgoilearan gu bhith a' leigeil a' chànain seachad san àrd sgoil.
Am measg tha na tha iad a' moladh, tha gum bi ùine a bharrachd air a chur ma seach do thidsearan àrd-sgoile agus gum bi ùghdarrasan ionadail a' co-roinn ghoireasan.

Chaidh an aithisg rannsachaidh a dhèanamh às leth Bhòrd na Gàidhlig
Chaidh an rannsachadh a dhèanamh le bhith a' bruidhinn ri 23 ùghdarras ionadail far a bheil foghlam Gàidhlig aig ìre na h-àrd-sgoile ga thabhainn.
Bhruidhinn an luchd-rannsachaidh cuideachd ri 19 buidhnean nàiseanta: Comann nam Pàrant, Foghlam Alba agus Stòrlann nam measg.
'S e a' chiad uair a chaidh rannsachadh nàiseanta a' coimhead air siosam na h-àrd-sgoile ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a dhèanamh.
Tha an aithisg a' togail air mar a tha FtMG aig ìre na h-àrd sgoile air fàs gu mòr a thaobh nan àireamhan, le àrdachadh de 67% eadar 2014-15 agus 2024/25 gu 2,011 sgoilear.
Ach tha cha mhòr dà thrian dhiubh sin ann an ceithir àrd-sgoiltean a-mhàin, agus mòran sgoiltean eile le àireamhan gu math beag de sgoilearan.
Leasachadh ann an cabhaig a dhìth 'son FtMG san àm ri teachd
- Air fhoillseachadh26 Am Faoilleach
40 bliadhna de FtMG an Alba - "Tha obair ri dhèanamh fhathast!"
- Air fhoillseachadh23 An Dùbhlachd 2025
Tha an luchd-rannsachaidh ag ràdh gu bheil leantainneachd bho fhoghlam na bun-sgoile agus a bhith a' glèidheadh sgoilearan san àrd-sgoil fhèin mar phrìomh dhùbhlain.
Tha iad a' cumail a-mach gu bheil eadar-dhealachaidhean ann an ìre a' churraicealaim eadar diofar sgìrean a' toirt droch bhuaidh, agus gur e dìth chuspairean Gàidhlig fear dha na prìomh adhbharan a tha sgoilearan a' cur na Gàidhlig bhuapa.
Tha iad a' comharrachadh roghainnean a thaobh chùrsaichean, casgan ri linn chlàran-ama, agus co-fharpais le cuspairean STEM mar chuid dha na rudan a tha a' toirt buaidh.
A thuilleadh air an seo, leis nach eil Gàidhlig riatanach mar chuspair ach ann am bliadhnaichean tràth na h-àrd-sgoile, tha iad ag ràdh gu bheil mòran a chaidh tro fhoghlam sa Ghàidhlig sa bhun-sgoil a' fàgail na h-àrd-sgoile gun theisteanas litearrachd sam bith sa chànan.

Jim Whannell
A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan, thuirt Jim Whanell: "Ma dh'fhaoidte an rud as cudromaiche gum bi soillearachd ann airson phàrantan, daoine òga, luchd-teagaisg, a thaobh tairgse a' churraicealaim.
"Tha sinn a' faicinn fiù 's ann an aon ùghdarras ionadail gu bheil rudan diofraichte a' tachairt bho àrd-sgoil gu àrd sgoil."
A dh'aindeoin fàs mòr ann an àireamhan nan sgoilearan, tha an aithisg ag ràdh nach eil àrdachadh ach 21% air a bhith ann sna h-àireamhan de thidsearan a tha a' toirt seachd FtMG aig ìre na h-àrd-sgoile.
Tha iad ag ràdh, ged a tha grunn shlighean a-steach gu FTMG, an leithid chùrsaichean treànaidh sònraichte, gu bheil na h-àireamhan a tha gan cleachdadh ro ìosal airson coinneachadh ris an iarrtas a bhios ann san àm ri teachd.
Am measg nam molaidhean a tha aca airson cùisean a leasachadh, tha a bhith a' leantainn deagh chleachdadh a tha ann mar-thà.
Tha iad ag ràdh gur e aon eisimpleir air seo pròiseact a tha Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' maoineachadh còmhla, far a bheil neach-teagaisg a' lìbhrigeadh treànaidh airson luchd-teagasg eile san dà sgìre.
"Gun teagamh sam bith bidh feum againn air maoineachadh a bharrachd agus ri taobh sin, a bhith ag ionnsachadh bho dheagh chleachdadh agus bhith a' sgaoileadh sin gu nàiseanta", thuirt Mgr Whanell.
Tha BBC Naidheachdan air beachd iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba.