Luchd-togail fianais an aghaidh sealg a' ghuga air mullach thogalach NàdarAlba

Dithis luchd-togail fianais an aghaidh sealg a' ghuga air mullach nam prìomh oifisean aig NàdarAlba
Fo-thiotal an deilbh,

Shreap an dithis luchd-togail fianais an aghaidh sealg a' ghuga suas gu mullach nam prìomh oifisean aig NàdarAlba

  • Air fhoillseachadh

Tha dithis luchd-togail fianais a tha ag iarraidh casg air sealg a' ghuga air sreap gu mullach an togalaich aig NàdarAlba ann an Inbhir Nis.

Thuirt NàdarAlba gu bheil an togalach a-nise dùinte airson an là.

Bha luchd-iomairt mar-tha air graffiti a pheantadh taobh a-muigh an togalaich air a' mhìos seo chaidh.

Tha sgioba à Nis air a bhith a' dol a Shùlasgeir, eilean beag mu 40 mìle tuath air Eilean Leòdhais, a h-uile samhradh airson nan ceudan bhliadhnaichean far am biodh iad uair a' marbhadh nam mìltean de dh'iseanan sùlaire.

Cha deach na Nisich a Shùlaisgeir ann an 2020 air sgàth Chovid 19 - a' chiad turas bho dheireadh an Dàrna Cogaidh nach robh sealg ann.

Ged a thill iad ann an 2021, dh'fhàg flù nan eun nach deach an sgioba ann a-rithist gu 2025.

'S ann às dèidh dhaibh tilleadh gu Sùlaisgeir an-uiridh is cead aca suas ri 500 eun a mharbhadh a thòisich iomairt às ùr feuch casg a chur air an t-seilg.

Carbad poilis taobh a-muigh oifisean NàdarAlba ann an Inbhir Nis

Tha luchd-iomairt ag argamaid nach eil an cleachdadh a dhìth tuilleadh mar a bha uair airson biadh a chumail ri sluagh a bha bochd.

Shreap dithis luchd-iomairt, a tha sgeadaichte ann an èideadh ghugaichean, gu mullach togalach NàdarAlba tràth madainn Dihaoine, 's iad ag iarraidh air a' bhuidhinn an cead oifigeil airson sealg a' ghuga a tharraing.

Ann am brath air na meadhanan-sòisealta, thuirt buidheann-iomairt gum fuirich an dithis air mullach an togalaich cho fada 's as urrainn dhaibh.

Tha oifigearan bho Phoileas Alba an làthair aig an làraich, a thuilleadh air Seirbheis Smàlaidh is Teasairiginn na h-Alba.

Ann am brath, thuirt na poilis: "Fhuair sinn fios madainn Dihaoine gun robh dithis fhireannach air mullach togallaich air Rathad na Leacainn ann an Inbhir Nis. Tha oifigearan an làthair."

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairiginn na h-Alba gu bheil dà charbad leotha aig an làraich.

Luchd-smàlaidh aig Taigh a' Ghlinne Mhòir

Dhearbh NàdarAlba gun deach an togalach a dhùnadh airson "sàbhailteachd an luchd-obrach".

"Tha an iomairt seo is tachartasan roimhe de vandalachd a' toirt buaidh air an luchd-obrach againn fhad 's a tha iad a' feuchainn ris an obair làitheil aca a dhèanamh," thuirt Robbie Kernahan aig NàdarAlba.

"Tha cuideachd cosgaisean a tha a' sìor èirigh gu luchd-pàighidh nan cìsean a thaobh obair-chàiridh is tèarainteachd a bharrachd.

"Tha NadarAlba an-còmhnaidh fosgailte a thaobh chòmhraidhean mun obair againn, ach gu mì-fhortanach chan eil dol a-mach an luchd-togail fianais freagarrach 'son còmradh fosgailte no cothromach."

Cho-dhùin buill aig Holyrood anns a' Mhàirt athchuinge a tha ag iarraidh casg air sealg a' ghuga a chumail fosgailte.

Tha seo a' ciallachadh gum bi e air a' chlàr-ghnothaich don phàrlamaid ùir an dèidh an taghaidh sa Chèitean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo